Taic ri àrdachadh sa chìs chomhairle
- Air fhoillseachadh

Chuir Ceannard Comhairle Mhoireibh, Stiùbhart Cree, taic ri iarrtasan 'son cur às dhan reothadh a th' air a' chìs chomhairle sa bhad.
Seo an dèidh dhan bhuidhinn a tha a' riochdachadh a' chuid as motha de dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba, COSLA, ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba am poileasaidh a chur a dhàrna taobh.
Bha seo san tagradh aig COSLA chun a' choimisein riaghaltais a tha a' rannsachadh nan diofar chìsean a ghabhadh a chur an àite na cìse comhairle.
A rèir ChOSLA bu chòir a' chìs atharrachadh seach cuidhteas fhaighinn dhith buileach glan.
Tuilleadh bhannan
Tha a' chìs chomhairle air a bhith aig an aon ìre bho 2007.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' toirt £70m do dh'ùghdarrasan ionadail 'son a reothadh.
Tha iad cuideachd a' bagairt peanasan-ionmhais a chuir air comhairlean airson toirt orra a' chìs a chumail aig an aon ìre.
Dh'iarr COSLA gun deadh a' chìs ùrachadh, mar eisimpleir, le a bith a' cur barrachd bhannan taigheadais air dòigh, agus gum biodh cothrom aig ùghdarrasan ionadail a' chìs ann an cuid de na bannan a chur suas.
Deamocrasaidh ionadail
A rèir Stiùbhart Cree, ged a bha cuid den bheachd gur e poileasaidh math a bh' ann aig aon àm, tha e a-nis a' toirt droch bhuaidh air ùghdharrasan ionadail.
Tha e a' gabhail ris gun d' fhuair a' Chomhairle taic-airgid 'son an cuideachadh am poileasaidh a chur an gnìomh, ach thuirt e gun robh a' bhuannachd bhuaithe sin air crìonadh air sgàth diofar adhbharan, chun na h-ire 's gu bheil iad-san a-nis £2m air dheireadh a thaobh teachd-a-steach an coimeas ri far am biodh iad nam biodh iad air a' chìs chomhairle a chur suas beag air bheag.
"Ma tha an suidheachadh ionmhais againn gu bhith air a chur ceart aig a' mheadhan, chan e deamocrasaidh ionadail a th' ann dha-rìribh, agus sin an t-argamaid a th' aig Riaghaltas na h-Alba le Riaghaltas Westminster an-dràsta.
"Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh gum biodh cothrom aig Alba cìsean a thogail, b' fheàrr leam-sa gun robh an aon bheachd aca mu ùghdarrasan ionadail," thuirt Mgr Cree.
Bu chòir gun tèid aithisg a' Choimisein fhoillseachadh as t-Fhoghar.