Buannachd Gàidhealach bho leudachadh aig Heathrow
- Air fhoillseachadh
Chuir am ball pàrlamaid Gaidhealach, Drew Hendry, ìmpidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gabhail ri aithisg ùr a tha a' moladh do mhinistearan Port-adhair Heathrow a leudachadh agus an treas raon-laighe a chuir ann.
A' bruidhinn ann an Westminster Diciadain thuirt ball pàrlamaid Inbhir Nis, Bàideanach agus Srath Spè, a tha cuideachd na fhear-labhairt comhdhail aig an SNP, gum faigheadh Alba buannachdan mòra à leudachadh aig Heathrow, leis gum biodh e nas fhasa ceangalan dìreach a dhèanamh ri puist-adhair leithid Inbhir Nis.
Thuirt Mgr Hendry gu robh e cudthromach gun tigeadh an riaghaltas gu co-dhunadh gu sgiobalta.
"Airson ro fhada a-nis, coltach ri sgìrean eile sa Rioghachd Aonaichte, chan eilear air a bhith a' dèiligeadh ri feumalachdan na h-Alba a thaobh prìsean cothromach, àiteachan-laighe maireannach, agus cumhachd air cìsean luchd-siubhail," thuirt Mgr Hendry.
Thuirt ministearan ann an Riaghaltas Westminster gum beachdaich iad air an iarrtas ceangalan sgìreil a dhèanamh nas fheàrr nuair a tha iad a' sgrùdadh aithisg Coimisean nam Port-adhair.
Ni iad co-dhunadh mu mholaidhean na h-aithisg ro dheireadh na bliadhna, thuirt iad.
Tha an aithisg ag ràdh gun cuireadh an treas raon-laighe £147 billean ri eaconamaidh Bhreatainn agus gun deadh 70,000 obair a chruthachadh ro 2050.
Tha grunn Thòraidhean, leithid Mhèar Lunnainn, Boris Johnson, an aghaidh a' mholaidh.