Liananaich ann an Loch nan Ritheannan

Tha Roinn na Slàinte Àrainneachail aig Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air a' mhòr-shluagh Loch nan Ritheannan, ann an Ceòs, an ceann a tuath nan Loch ann an Leòdhas, a sheachnadh.

Tha liananaich air sgapadh san loch, a dh'fhaodadh daoine agus beathaichean a dhèanamh tinn.

Fàgaidh a bhith a' sluigeadh an uisge daoine le stamagan goirt, no trioblaidean slàinte nas miosa.

Ma beanas daoine dhan uisge, faodaidh e trioblaidean craicinn adhbharachadh.

Faodar tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn bho Roinn na Slàinte Àrainneachail aig a' Chomhairle air 01851 822694.