Ionad Chalanais aig fichead

Tùrsachan Chalanais
Image caption Thathar a' tomhas gum bi mu 60,000 duine a' tadhail air an làraich gach bliadhna.

Tha Ionad Chalanais aig na Tursachan ainmeil air taobh siar Leòdhais, a' comharrachadh an t-seachdainn seo gu bheil fichead bliadhna bho dh'fhosgail an goireas.

Thathar a' tomhas gum bi mu 60,000 duine a' tadhail air an làraich gach bliadhna agus tha an àireamh sin ag èirigh gach seusan turasachd.

Mar sin, tha obair-leasachaidh mhòr san amharc aig Urras nan Tursachan, a chosgas airgead mòr dhaibh.

Thuirt manaidsear an ionaid, Aonghas MacCoinnich, gun robh buidseat aca an toiseach de £1.5m ach gun cosg an obair "tòrr a bharrachd" air sin a-nis.

Bha e cuideachd ag ràdh nach eil iad an-dràsta an urra ri grantaichean no taic bhon Chomhairle, ach gum bi iad feumach air cuideachadh airson an leudachaidh.

Thuirt e: "Nuair a thèid a leudachadh, tha mi an dòchas gun dèan e tòrr a bharrachd na tha sinn a' dèanamh an-dràsta.

"Mun àm seo den bhliadhna, chan fhaigh trupan daoine a-steach airson biadh - chan eil rùm ann - agus ged a gheibheadh iad a-steach chan eil an cidsean mòr gu leòr airson am frithealadh. Sin dà rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh ceart."

Dh'iarradh iad a' bhùth a leudachadh cuideachd.