Stailc eile le luchd-obrach ChalMac

Chuir aonadh an RMT ceann-là air dòigh airson stailc eile le luchd-obrach ChalMac.

Gabhaidh an stailc 24 uairean a thìde àite air Dihaoine an 10mh dhen Iuchar.

Thuirt an t-aonadh nach do shoirbhich le oidhirpean an t-seachdain-sa gus gealltanasan fhaighinn mu chùmhnantan-obrach.

Tha mì-thoileachas ann mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan is cùmhnant ùr nan aiseagan a' dol a-mach gu farpais.

Chaidh aonadh an RMT air stailc mu thràth air an 26mh dhen Ògmhìos, às dèidh dà là de dh'iomairt obrach nuair a bha iad a' diùltadh uairean a bharrachd obrachadh.

Bha dà thrian de sheirbheisean dheth air là na stailc.