Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tunisia

Bidh mionaid de shàmhchair air feadh na Rìoghachd Aonaichte aig meadhan-là, mar chuimhne air na chaill am beatha sa cheannairc ann an Tunisia seachdain bho an-diugh. Chaidh 38 duine a mharbhadh. Bhuineadh 30 dhiubh do Bhreatainn. Tha brataich mar thà aig leth-chrann ann an Whitehall, aig Lùchairt Bhuckingham, agus aig togalaichean poblach eile air feadh na dùthcha.

A' Ghrèig

Thig co-dhùnadh bho aon de dh'àrd-chùirtean na Grèige an-diugh air a bheil referendum Là na Sàbaid air aonta cobhair ùr na Grèige laghail. Tha caismeachdan mòra sa phrìomh bhaile, an Àithne, ron bhòt. Tha am Prìomhaire Alexis Tsipras ag iarraidh air an t-sluagh bhòtadh an aghaidh a' phlana ùir, agus coltas ann gum faodadh e fhèin 's an riaghaltas aige an dreuchdan fhàgail ma thèid bhòtadh airson a' phlana sin.

Locarbaidh

Tha teaghlaichean a chaill càirdean ann an spreadhadh Locarbaidh aig Àrd-Chùirt Dhùn Èideann an-diugh 's iad ag argamaid nach d' fhuair teaghlach Abdelbasset al-Megrahi ceartas. 'S e al-Megrahi an aon duine riamh a chaidh a dhiteadh airson an spreadhaidh ann an 1988. Chaochail esan bho chionn còrr is trì bliadhna. Tha feadhainn ann a tha a' cumail a-mach fhathast nach robh e ciontach.

Cal Mac

Tha baileat airson stailc an-diugh aig luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a th' anns an aonadh an TSSA a tha a' riochdachadh mu cheud duine a tha ag obair ann an oifisean Chal Mac. Tha an t-aonadh as motha, an RMT, ag ràdh gu bheil Cal Mac a' tabhann tuilleadh chòmhraidhean an ath-sheachdain orrasan. Bha dà thrian de sheirbheisean aiseig Chal Mac nan tàmh seachdain bho an-diugh le stailc agus dragh air luchd-obrach mu chosnaidhean, cùmhnantan-obrach agus peinnsean nan cailleadh Cal Mac na seirbheisean ris a' chompanaidh phrìobhaidich Serco.

Gàradh Àranais

Dh'iarr na h-aonaidhean a tha a' riochdachadh luchd-obrach aig Gàradh Àranais ann an Leòdhas coinneamh le Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon. Tha dragh air an GMB agus Unite gum faodadh an gàradh dùnadh le cùmhnantan a' dol gu dùthchannan eile, agus tha iad a' gearain air cho beag 's a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh mun t-suidheachadh.

Drochaid Rèile Fhoirthe

Tòisichidh UNESCO an-diugh a' breithneachadh air Inbhe mar Làrach Dualchais Cruinne do Dhrochaid Fhoirthe. Chan eil a' faighinn na h-inbhe sin ach làraichean air a bheil luach farsainn agus air am bu chòir dìon a chur dha na ginealaich ri teachd. Bheir am breithneachadh trì là.