Iasgairean "gun earbsa" sa mhinistear

Iasgair
Image caption Tha na h-iasgairean ag ràdh gun cuir na riaghailtean ùra casg air iasgach ann an sgìrean gu math nas fharsainne na bha dùil aig am na co-chomhairle air a' chùis.

Coinnichidh riochdairean bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba ri Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead Diluain, gus draghan a thogail mu riaghailtean ùra glèidhteachais aig muir.

Thuirt an Caidreachas gu bheil iad air earbsa a chall sa mhinistear.

Tha dragh air na h-iasgairean gun toir riaghailtean ùra airson Sgìran Glèidhte Mara MPA, a chaidh fhoillseachadh san Ògmhìos, fìor dhroch bhuaidh air seasmhachd an iasgaich air a' chosta an iar.

Tha na h-iasgairean ag ràdh gun cuir na riaghailtean ùra casg air iasgach ann an sgìrean gu math nas farsainn na chaidh a nochdadh ann an co-chomhairle air a' chùis, chun na h-ìre 's gur dòcha nach tèid aca air cumail a' dol.