Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Tha Prìomhaire na Grèige, Alexis Tsipras, a' coinneachadh ri luchd-poileataigs bho gach taobh san Àithne a dh'fheuchainn ri taic fhaighinn do chuairt eile de chòmhraidhean mu fhiachan na dùthcha. Dhiùlt muinntir na Grèige, san referendum a bh' ann an-dè, gabhail ris na cùmhnantan airson cobhair a bha aonta ùr eadar-nàiseanta a' tabhann orra. Bhòt 61% na aghaidh.

'S bha an Seansalair, Seòras Osborne, a' deasbad suidheachadh na Grèige ri Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt Mgr Osborne gun toir e làn-aithris air an t-suidheachadh do Thaigh nan Cumantan feasgar.

Nigeria

Tha dearbhadh ann a-niste gun deach 44 duine a mharbhadh ann an dà spreadhadh an-raoir ann am baile Jos ann an Nigeria. Chaidh còrr is 200 duine a mharbhadh ann an sreath spreadhaidhean ann an Nigeria an t-seachdain seo chaidh, agus amharas ann gur iad a' bhuidheann-cheannairc, Boko Haram, a tha ris na h-ionnsaighean sin.

Sochairean

Tha Comataidh Ath-Leasachaidh nan Sochairean ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gur iad boireannaich as miosa a tha a' fulang leis an atharrachadh air siostam nan sochairean. Ach tha Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean ann an Westminster ag ràdh gu bheil an t-atharrachadh a' cuideachadh dhaoine gu cosnadh, agus gan togail air falbh à bochdainn.

Cal Mac

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn 's an t-aonadh RMT a' coinneachadh an-diugh agus an t-aonadh air stailc eile a ghairm Dihaoine. Tha dragh air luchd-obrach mu chosnaidhean, cùmhnantan-obrach, agus peinnsean, nan cailleadh Cal Mac na seirbheisean ris a' chompanaidh phrìobhaidich Serco.

An t-Iasgach

Tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba ag ràdh nach eil earbsa aca tuilleadh ann an Rùnaire an Iasgaich, Ridseard Lochhead. Tha an Caidreachas a' coinneachadh ri Mgr Lochhead an-diugh, agus iad ag ràdh gu bheil na sgìrean glèidhte aig muir MPA a chaidh ainmeachadh air a' mhìos a chaidh, a' dol a chur às do mhòran den iasgach air a' chosta an iar.