Iomairt teasairginn air Beinn Nibheis
- Air fhoillseachadh
Chaidh boireannach a ghoirteachadh agus i a' teàrnadh far Beinn Nibheis.
Dh'innis Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abar gun robh am boireannach a' gabhail pàirt ann an Dùbhlan nan Trì Mullaichean Dihaoine nuair a thuit i.
Thuirt an sgioba teasairginn gun tàinig orra cobhair a dhèanamh oirre ann an droch shìde, le taic bho heileacoptair on Chabhlach Rioghail a thàinig à HMS Gannet, stèidhichte ann am Preastabhaig.
Rinn an sgioba moladh air sgioba an heileacoptair, agus iad air an obair a dhèanamh ann an "aimsir gu math doirbh."
Chaidh am boireannach a thogail do dh'Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, agus i air a cas a ghoirteachadh.