Obair a' tòiseachadh às ùr aig Dùnrath

Dùnrath Image copyright dsrl
Image caption Chuir Oifis Riaghlaidh na Niuclasachd òrdugh leasachaidh air a' chompanaidh a tha an urra ri dì-choimiseanadh ann an Dùnrath an dèidh an teine.

Thòisich obair às ùr air pàirt de dh'ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh air an do bhuail teine an-uiridh.

Dh'adhbharaich an teine ann am pàirt de Readhactair Ro-Shamhlach Luath an ionaid air an 7mh là den Damhair an-uiridh, gun deach rèidiachd a leigeil ma sgaoil "gun chead".

Chaidh obair gus aonad amaran sodium - far an stòrar sodium airson a chleachdadh anns an readhactair luath - a thoirt às a chèile, a stad rè ùine.

Thuirt Stiùiriche na companaidh a tha an urra ri bhith a' dì-choimiseanadh an t-seann ionaid niuclasaich, Mark Rouse, gun deach "iomadh leasan" ionnsachadh.

Chuir Oifis Riaghlaidh na Niuclasachd òrdugh leasachaidh air a' chompanaidh an dèidh an teine.

Thuirt a' bhuidheann gun robh dragh aca mu dheidhinn "droch ghiùlain" am measg an luchd-obrach, agus "faileachadh tighinn a rèir inbhean".

Chaidh innse don chompanaidh piseach a thoirt air cùisean ron 30mh den Ògmhìos am-bliadhna.

Chaidh cead a-nis a thoirt don chompanaidh cumail orra leis an obair gus an t-ionad amaran sodium a thoirt às a chèile.

Cha deach duine a ghoirteachadh san teine.