RMT agus Cal Mac a' coinneachadh

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Tha dùil gun tèid luchd-obrach Chal Mac a th' anns an RMT air an dàrna stailc 24 uairean Dihaoine.

Bidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus an RMT a' coinneachadh a-rithist Dimàirt ann an oidhirp stailc a tha anns an amharc Dihaoine, a sheachnadh.

Is coltach gun deach adhartas a dhèanamh eatorra Diluain, 's an dà thaobh ag ràdh gun robh iad air am misneachadh leis na còmhraidhean.

Tha an luchd-obrach draghail mu na thachradh do chosnaidhean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan nan deadh cùmhnant nan seirbheisean aiseig a thoirt don chompanaidh phrìobhaidich Serco.

Tha an cùmhnant ga chur a-mach gu tairgse leis an Riaghaltas.

Baileat

Dh'fhàg stailc 24 uairean air a' mhìos a' chaidh - an dèidh dà là de dh'iomairt-obrach - gun robh dà thrian de sheirbheisean aiseig a' chosta an iar nan tàmh.

An dèidh na coinneimh Diluain, thuirt Gòrdan MacIlleMhàrtainn, bhon RMT, gun deach adhartas a dhèanamh.

"Tha sinn a' feuchainn a h-uile dòigh, agus tha sinn an dùil ri freagairt bhon chompanaidh Dimàirt. Sin as coireach gu bheil sinn a' coinneachadh riutha a-rithist.

"Tha sinn a' sireadh ghealltanasan mu choinneimh an ath-chùmhnant. Thuige seo, chan eil sinn air na gealltanasan sin fhaighinn."

Thuirt Cal Mac gun robh iad air aontachadh coinneachadh a-rithist, ach gun robh iad cuideachd ag ullachadh air thoiseach air an stailc Dihaoine.

"Faodaidh luchd-cleachdaidh nan aiseagan a bhith cinnteach gun dèan sinn na 's urrainn dhuinn gus buaidh na stailce a lùghdachadh ma thèid i air adhart."

Chuir an dàrna aonadh, an TSSA, pàipearan baileat a-mach Dihaoine gu mu 100 ball aca a tha ag obair ann an oifisean Chal Mac, feuch an robh iadsan deònach a dhol air stailc.

Tha ball den RMT a tha ag obair do Argyll Ferries - a tha cuideachd fo shealbh Buidheann Dàibhidh Mhic a' Bhriuthainn - air co-dhùnadh pàirt a ghabhail anns an stailc cuideachd.

Tha Cal Mac air a ràdh nach robh iad a' tuigsinn carson a bha sin, leis nach eil cùmhnant Argyll Ferries a-muigh gu tairgse, agus nach robh cùmhnantan-obrach sam bith ann an cunnart.

Thuirt an RMT gun robh Argyll Ferries an eisimeil air luchd-einnsinnìridh agus eòlas Chal Mac, agus mar sin, gun toireadh atharrachadh sam bith ann an cùmhnant Aiseagan Chluaidh is Innse Gall buaidh orrasan cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo