Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Companaidhean Cumhachd

Thug na sia companaidhean cumhachd mòra £1bn a bharrachd air na bu chòir dhaibh bho luchd-cleachdaidh eadar 2009 's 2013, a rèir aithisg ùire. Tha rannsachadh fad bliadhna, a rinn Ùghdarras na Farpais agus Margaidh ag ràdh gun robh, anns a' chumantas, cosgaisean dealain agus gas 5% nas àirde na bu chòir, agus gur e cion farpais as motha a bu choireach, leis cho doirbh 's a tha e gluasad bho aon chompanaidh gu companaidh eile.

A' Ghrèig

Tha ceannardan an airgid shingilte Eòrpaich a' coinneachadh a-nochd a dheasbad plana ùir na Grèige airson tuilleadh chobhair. Dhiùlt Banca Coitcheann na h-Eòrpa an còrr airgid ann an èiginn a thoirt do Bhancaichean na Grèige, agus iad ag iarraidh tuilleadh ghealltanais mu choinneimh na tha iad a' pàigheadh dhaibh mar thà.

Technip

Tha a' chompanaidh einnsinnìridh, Technip, aig a bheil mu 1,000 duine ag obair anns a' Chuan a Tuath, a' gearradh 6,000 cosnadh air feadh an t-saoghail. Thuirt a' chompanaidh gu bheil an Cuan a Tuath am measg nan roinnean sa bheil iad a' coimhead ri gearraidhean, le crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola agus gas.

7/7

Thèid mionaid de shàmhchair a chumail air feadh na dùthcha aig 11:30m mar chuimhne air na chaill am beatha sa cheannairc ann an Lunnainn air an 7mh là den Iuchar bho chionn deich bliadhna. Dh'fhàg am Prìomhaire, agus Mèar Lunnainn, blàth-fhleasg aig Hyde Park anns a' mhadainn an-diugh, agus tha seirbheis ann an Cathair-Eaglais an Naoimh Pòl.

Na Trèanaichean

Thòisich còmhraidhean às ùr an-diugh eadar Scotrail agus aonadh dràibhearan nan trèana, ASLEF. Tha eas-aonta ann mu sheirbheisean na Sàbaid, a tha a' crochadh air luchd-obrach a bhith deònach uairean a bharrachd obrachadh. Cumaidh ASLEF baileat airson stailce, ged a tha Scotrail a' tabhann àrdachadh pàighidh de 2.5%, agus bònas aon turas.

Cal Mac

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn 's an t-aonadh RMT a' coinneachadh an-diugh a-rithist 's iad a' feuchainn ri stailc eile a sheachnadh air na seirbheisean aiseig Dihaoine. Thuirt an dà thaobh gun do rinn iad adhartas aig na còmhraidhean an-dè.