Co-Chomann na Hearadh na charthannas
- Air fhoillseachadh

Tha Co-Chomann na Hearadh, a tha a' ruith bùth choimhearsnachd an t-Òib, air inbhe charthannais fhaighinn.
Cha bhi aca ri cìsean leithid na cìse corporra a' phàigheash ri linn.
Sàbhailidh iad na mìltean notaichean gach bliadhna airson a chosg air pròiseactan coimhearsnachd agus obair air a' bhùth fhèin.
"'S e rathad gu math fada a bh' ann," thuirt Manaidsear na bùtha, Coinneach MacLeòid.
"Tha a' chomataidh air a bhith ag obair suas ri dà bhliadhna a-niste a' feuchainn ris a h-uile càil a chur ann an òrdugh.
"An-uiridh, tha mi a' creidsinn gun robh sinn faisg air £20,000 ann an cìs chorporra fhèin.
"Agus tha rudan eile ann. Tòrr rudan beaga a tha thu a' dol a shàbhaladh, mar chosgais fhalbhachaidh nam bionaichean, 's rudan mar sin.
"Tha sinn ag obair air rudan a dhèanamh leis a' bhùth.
"Tha sinn a' dol a chur a-steach fridsichean ùra an-dràsta, 's tha sin a' dol a chosg tòrr airgid.
"Às dèidh sin tha sinn a' dol a dhèanamh obair air an raon-phàrcaidh, 's leis an togalach fhèin.
"Nuair a gheibh sinn a' bhùth gu ìre a tha sinn toilichte leis, an uair sin, bidh sinn a' dèanamh rud dhan choimhearsnachd.
"Chan eil sinn buileach cinnteach ann an e urras no stòras no rud mar sin a bhios ann, ach rudeigin.
"Buidhnean a tha ag iarraidh airgid, 's rudan mar sin. Bidh sinn a' toirt taic dhan choimhearsnachd," thuirt e.