Bann-leathann fìor luath an Steòrnabhagh

Fòn-làimhe
Image caption Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè na sgìrean air an ruig na càballan fibre-optic, 's chaidh ath-chuinge a chur gu Pàrlamaid Dhùthchail na h-Alba ag iarraidh fios le cinnt.

Tha bann-leathann fìor luath ann an Steòrnabhagh a-nis.

Gheibh faisg air 4,000 dachaigh is gnìomhachas anns a' bhaile agus mun cuairt air buannachd às na caballan 'fibre optic' a chaidh a chur an sàs.

'S ann ri Alba Dhidseadach - co-bhanntachd eadar BT, HIE agus Riaghaltas na h-Alba - a tha an obair an urra.

Tha dùil gun ruig an teicneòlas mu dhà thrian de na h-eileanan air fad, ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Mì-chinnt

"A' chuid mhòr dhiubh, tha iad suas ri 80 Mb. 'S e tòrr mòr a tha sin," thuirt Donaidh Moireasdan bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Sin an t-seòrsa rud a bh' againn airson an eilein gu lèir bho chionn dhà no thrì bliadhnaichean, agus an-diugh a' faicinn sin a' dol gu aon taigh, tha e dìreach gu math iongantach," thuirt e.

Chan fhaigh a h-uile duine san eilean cothrom air na càballan ùra ge-tà.

Chaidh £146m a chosg air a' phròiseact thuige seo, agus 's e an ath-ìre an t-seirbheis a sgaoileadh gu coimhearsnachdan air an tuath air feadh nan eilean.

Chan eil e soilleir fhathast ge-tà, cò na sgìrean air an ruig na càballan fibre-optic, agus dh'adhbharaich a' mhì-chinnt sin gun deach ath-chuinge a chur gu Pàrlamaid Dhùthchail na h-Alba a' sireadh fios le cinnt.

"Bheir e dhà no thrì mìosan eile gus am bi fhios againn dè cho fada 's a tha seo a' dol a ruighinn," thuirt Mgr Moireasdan.

"Tha tuilleadh airgid a' tighinn a-steach, agus le sin, nuair a gheibh sinn timcheall air an teicneòlas 's na planaichean, chì sinn dè cho fada 's a thèid an t-seirbheis a tha seo a-mach.

"Tha sinne a' coimhead ris an dà rud, 's a tha na daoine a chuir an ath-chuinge sin a-mach, ach 's e dìreach gum biodh e na b' fheàrr fuireach gum bi fhios againn air a h-uile càil mu dheidhinn.

"Chan eil sinn ag ràdh "fibre-optic dhan a h-uile duine" - chosgadh sin an t-uabhas airgid.

"'S dòcha gur e saideal a bhios aig feadhainn, agus feadhainn eile 's dòcha gur e wireless a bhios aca.

"Tha cuideachd am 4G a' tighinn, agus le sin, bu chòir dhan a h-uile duine fhaighinn dòigh air choireigin," thuirt e.

Le sin, tha dùil aig Mgr Moireasdan gum bi bann-leathann fìor luath aig a h-uile duine a tha ga iarraidh sna h-Eileanan ro 2020.