Taigh-smocaidh Salar a' fosgladh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Bradan smocte
Fo-thiotal an deilbh,
Tillidh an taigh-smocaidh gu bhith ag obair fon t-seann ainm a bh' air, Salar.

Bidh an taigh-smocaidh bhradan ann an Loch a' Chàrnain an Uibhist a Deas a' fosgladh a-rithist.

Dhùin Loch Duart an gnìomhachas bho chionn beagan mhìosan, 's iad ag aideachadh nach robh e cho soirbheachail 's a bha dùil.

'S ann fon chiad ainm a bh' air - Salar - a bhios e a' tilleadh.

"Tha sinn deis' a bhith ag obair bho chionn dà mìos a-niste air feuchainn ris an taigh-smocaidh a cheannach bho Loch Duart," thuirt Iain MacRuairidh, a bha roimhe ag obair do Loch Duart na Mhanaidsear Obrach, agus a tha ga fhosgladh às ùr.

Bùth bheag

"Tha sinn a-niste air sin a dhèanamh, tha mi fhìn air an taigh-smocaidh a cheanach bhuapa, agus tha dùil agam tòiseachadh cho luath 's as urrainn dhomh.

"Tha mi am beachd a dhol air ais gu Salar. 'S e ainm math a bh' air an iasg a bh' ann air feadh an t-saoghail, so tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-àm againn tilleadh air ais agus a chumail mar a bha e roimhe," thuirt e.

Chaidh seachdnar a phàigheadh dheth na bu thràithe am-bliadhna nuair a dhùin an taigh-smocaidh.

Tha dùil gum bi sianar a' faighinn cosnaidh ann a dh'aithghearr.

"'S e naidheachd sgoinneil a tha sin do dh'Uibhist. A' call tòrr obraichean mar sin ann an àite beag mar seo, cha robh e furasta," thuirt Mgr MacRuairidh.

"Ach a-niste tha mi an dòchas gum faigh sinn air sin a thilleadh ann.

"Tha beagan obrach agam ri dhèanamh a-staigh an toiseach. An deis dà mhìos a bhith dùinte, tha beagan glanaidh ri dhèanamh.

"Agus tha mi am beachd àiteachan a dhèanamh às ùr airson bùth bheag a dhèanamh ann airson barrachd stuth a reic ris na daoine anns an eilean, agus ri daoine a thadhaileas air an eilean cuideachd," thuirt e.

Tha Mgr MacRuairidh an dùil bradan a chur a-mach gu taighean-bidhe is taighean-osta ann an Uibhist fhèin an ceann seachdain no dhà.