Bann-leathann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bann-leathann fìor luath ann an Steòrnabhagh

8 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha còrr is 3,500 togalach ann an Steòrnabhagh a-niste a' faighinn cothrom air seirbheis bhann-leathainn shiùbhlaich, mar phàirt den phròiseact Alba Dhidseatach.

Tha am pròiseact ag amas air càballan fibre-optic a chleachdadh gus seirbheis nas goireasaiche a thoirt do choimhearsnachdan iomalach air feadh na dùthcha.

Thathas a' tomhais ge-tà, nach fhaigh mu 5% de dh'Alba buannachd bhon sgeama, agus tha BT air aontachadh coinneachadh ri Pàrlamaid Dhùthchail na h-Alba airson fiosrachadh a thoirt dhaibh mu dè na h-aiteachan nach fhaigh ceangal.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.