An dealbh briste

An turas mu dheireadh a thugadh buidseat làn Tòraidheach seachad, 's e Ken Clarke a bha a' giulan a' bhogsa dheirg.

Bha sin anns an t-Samhainn 1996, nuair a bha e soilleir gu leòr gu robh na bliadhnaichean Tòraidheach a' tighinn gu crìch.

Leanadh air sin le ciad bhuidseat Ghòrdain Brown, às dèidh an taghaidh ann an 1997.

Fad nam bliadhna aige mar Sheansalar agus mar Phrìomhaire, bha creideasan cìse aig cridhe an deilbh aige de dh'eaconomaidh na dùthcha.

B' ann air an dòigh sin - nach robh cho folaiseach do na daoine nach robh gam faighinn - a ghluaiseadh e airgead don luchd-obrach a bu bhochda.

Chaidh an dealbh sin a bhriseadh an-diugh.

Reòthadh

Às dèidh do na Tòraidheach cuidhteas fhaighinn dhe na Lib Deamaich, tha George Osborne saor dealbh ùr a dhèanamh agus e airson an eaconamaidh ath thogail na ìomhaigh fhèin.

Seach airgead a thoirt seachad tro shochairean sòisealta agus creideasan cìse, tha Mgr Osborne airson 's gum faigh daoine tuarsadail nas àirde agus gun cum iad barrachd dhiubh.

Mar sin, thèid sochairean na h-aois obrach a reòthadh fad ceithir bliadhna agus thèid creideasan cìse fhèin a ghearradh.

Chan fhaigh pàrantan anns an àm ri teachd taic tro chreideasan cìse airson barrachd na dithis cloinne.

Agus, thèid a' chrìoch a lùghdachadh air nas urrainn do theaghlach faighinn ann an sochairean gach bliadhna bho £26,000 gu £20,000, no £23,000 ann an Lunainn.

Le sin, tha an Seansalar airson buidseat nan sochairean a lùghdachadh agus Breatainn a thoirt bho easbhaidh gu barras ionmhais ro dheireadh na pàrlamaid seo.

Faothachadh

Ach chan e sin ach aon taobh dhen dealbh a-mhàin.

Aig a' cheart àm, tha e airson e tuarasdal bith-bheò de £9 san uair a chur an àite a' bhun-thuarasdail - a tha aig £6.50 an-dràsta.

Cha robh dùil aig na dùbhlanaich ri sin.

Tha e a' dol nas fhaide na bha na Làbaraich no an SNP a' moladh ron taghadh.

A bharrachd air sin, thèid an ìre aig an tòisich daoine a' chìs cosnaidh a phàigheadh suas gu £11,000 le targaid de £12,000, a' fàgail nach pàigh daoine air na tuarsadail as ìsle cìs sam bith orra.

(Bha faothachadh do dhaoine nas beartaiche cuideachd, leis an ìre as àirde gus tòiseachadh aig £43,000 agus an uair sin £50,000, a bharrachd air cur às cìs na h-oighreachd air taighean luach suas gu milean not).

"Nas miosa dheth"

Tha na Làbaraich agus an SNP ag ràdh nach fàs tuarasdail luath gu leòr airson a' bheàrn a lìonadh agus mar sin gum bi daoine nas miosa dheth mar thoradh air buidseat an là an-diugh.

Chuir Harriet Harman às leth an t-Siansalair gu robh a shùil-san air gluasad bho Àireamh a h-Aon Deug tron ath-dhoras gu Àireamh a Deich.

A' cluich poileataigs air latha a' bhuidseit? Cò a chreideadh e.

Ach ro dheireadh na pàrlamaid seo, tha Mgr Osborne airson a dhèanamh duilich do dhuine sam bith - Làbarach no Tòraidheach - seasamh na aghaidh.

Air dòigh, b' ann an-diugh - seach ann an 2010 - a thàinig linn Ghòrdain Brown gu crìch.

Fàsaidh an dealbh nas soilleire anns na mìosan a leanas.