Stailc Dihaoine air a cur dheth

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig
Fo-thiotal an deilbh,
Sgaoil còmhraidhean eadar an RMT agus Cal Mac anmoch oidhche Chiadain gun aonta sam bith.

Chan eil stailc gu bhith aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn Dihaoine.

Thuirt aonadh an RMT anmoch oidhche Chiadain gun deach an stailc a chur dheth ri linn co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba dàil a chur ann an seirbheisean-aiseig a chur a-mach gu tairgse.

Chaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an sàs gu pearsanta, agus tha an t-aonadh ag ràdh gun tug i dhaibh gealltanasan gun deadh coimhead "gu fàbharach" ris na draghan a th' orra.

Tha buill an RMT mì-thoilichte mu chùmhnantan-obrach - gu h-àraid a thaobh tuarastail agus peinnseannan.

Às dèidh dà là eile de choinneamhan, sgaoil còmhraidhean eadar Cal Mac agus an RMT oidhche Chiadain gun aonta sam bith.

Ach dh'innis an t-aonadh gu bheileas air roghainneachadh an stailc ris an robh dùil a chur dheth.

Thuirt Cal Mac gu bheil na seòlaidhean a bharrachd aca Diardaoin fhathast gu bhith a' ruith, agus iad ag obair an-dràsta gus na seirbhesean-aiseig gu lèir aca Dihaoine fhaighinn air ais dhan àbhaist.

Tha dùil gun lean còmhraidhean eadar an RMT agus Cal Mac a-rithist Diardaoin.