Teagasg
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coinneamh ga sireadh mu àireamh thidsearan

9 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S e "gòraiche" a th' ann dhan Riaghaltas a bhith a' cumail àireamhan luchd-teagaisg aig an ìre aig a bheil iad, a rèir chathraiche Comataidh Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd.

Bha Drew Miller a' bruidhinn agus an t-ùghdarras ionadail a' sireadh coinneimh le ministearan mun chùis.

Thuirt e gum faodadh am poileasaidh buaidh uabhasach a thoirt air foghlam sa cheann a Tuath.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.