Càr san uisge ann an Ealaghol
- Air fhoillseachadh
Tha càr air a dhol air a chliathaich, agus air laighe ann an uisge ann an Ealaghol san Eilean Sgitheanach.
Thuirt na Poilis gu bheil aithrisean ann gun robh daoine glacte sa charbad, ach gun deach a dhearbhadh gun d'fhuair an fheadhainn a bha na bhroinn às.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach aig 12:09f, agus chuireadh sgiobannan smàlaidh agus eiridinn chun na làraich.