Coinneamh mu amar leigheas-uisge

Amar-snàimh Image copyright Thinkstock
Image caption Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do rinn iad an co-dhùnadh an dèidh trì bliadhna de chòmhraidhean mu chùmhnant ùr.

Thèid na tha an dàn do dh'Amar Leigheas-Uisge Inbhir Narann a dheasbad aig coinneimh phoblaich sa bhaile.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd air a' mhìos a chaidh gun sguireadh iad a chur euslainteach a dh'ionnsaigh an amair às dèidh 31mh an Damhair.

Thuirt iad gun robh iad a' cur aontaidhean air dòigh gus euslaintich a chur gu amaran leigheas-uisge eile.

Cumaidh luchd-taic an amair coinneamh phoblach feasgar Diardaoin. Cha bhi riochdaire bho NHS na Gàidhealtachd an làthair.

Air a' mhìos a chaidh, dh'innis urrasairean agus luchd-obrach aig an ionad gun deach rabhadh a thoirt dhaibh gur dòcha nach deadh an cùmhnant ùrachadh.

Cha robh fhios aca gun deach co-dhùnadh deireannach a dhèanamh ge-tà, gus an do dh'iarr am BBC orra freagairt a thoirt do bhrath-naidheachd bho NHS na Gàidhealtachd air a' chùis.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh iad ag iarraidh cothrom air leigheas-uisge a thoirt do bharrachd dhaoine na tha a' faighinn a' chothrom sin an-dràsta.

Thuirt iad gun do rinn iad an co-dhùnadh an dèidh trì bliadhna de chòmhraidhean mu chùmhnant ùr.

Thèid a' choinneamh a chumail ann na Ionad Coimhearsnachd is Ealain Inbhir Narann, a' tòiseachadh aig 7:00f.