Ciont dràibheir "neo-dhearbhte"

  • Air fhoillseachadh
Ivan Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Ivan Dòmhnallach, a bha 33, a' coiseachd dhachaigh à cèilidh tràth sa mhadainn nuair a chaidh a bhualadh leis a' chàr, faisg air Càirinis an Uibhist a Tuath.

Cho-dhùin diùraidh nach robh dearbhadh ann air ciont fireannaich a bha a' cur teacsa 's e a' dràibheadh nuair a bhuail an càr aige ann an duine an Uibhist, ga mharbhadh.

Bhuail càr le Steafan Dòmhnallach aig a' chuibhle ann an Ivan Dòmhnallach, a bha 33, air an 9mh là den Ògmhìos 2013, faisg air Càirinis ann an Uibhist a Tuath.

Chaidh fhàgail air Steafan Dòmhnallach, 22, gun robh e a' cleachdadh fòn-làimhe aig a' chuibhle nuair a thachair an tubaist, agus gun robh fhios aige gun robh luchd-coise ri taobh an rathaid.

Bha Ivan Dòmhnallach, às a' Bhaile Shear, a' coiseachd dhachaigh à cèilidh tràth sa mhadainn nuair a chaidh a bhualadh leis a' chàr.

Thuirt Steafan Dòmhnallach gun do shaoil e gur ann am fiadh a bha e air bualadh, agus gun do stad e 's gun deach e air ais, far an d' fhuair e Ivan, a b' aithne dha, na laighe, 's gun do chuir e fòn gu 999.

Dh'innis e do na Poilis gun robh e den bheachd gur esan a bu choireach ris na thachair, ag ràdh gum bu chòir dha a bhith air Ivan fhaicinn na bu luaithe.

Rinn na Poilis sgrùdadh air a' fòn-làimhe aige, agus fhuair iad gun deach còmhradh teacsa a chumail, leis an teacsa mu dheireadh air a chur mu dhà mhionaid mus do chuir Steafan fòn gu 999.

Aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, cho-dhùin an diùraidh, le mòr-chuid, nach robh a chiont air a dhearbhadh, agus chaidh a shaoradh.