Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tunisia

Tha oidhirp mhòr ann air feadhainn a th' air saor-làithean an Tunisia a thoirt dhachaigh a Bhreatainn agus Oifis nan Dùthchannan Cèine ag ràdh gu bheil a h-uile dùil ri ionnsaigh cheannairc eile san dùthaich sin. Tha seo cola-deug an dèidh na h-ionnsaigh ann an Tunisia anns an deach 30 duine à Breatainn a mharbhadh. Tha tiodhlacadh dithis dhiubh sin a bhuineadh do dh'Alba ann an-diugh, Jim agus Ann McQuire à Comar nan Allt.

Bòrd na Gàidhlig

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach, gun tèid Ceannard làn-ùine aig a bheil a' Ghàidhlig fhastadh. Tha am Bòrd air Joe Moore, aig nach eil an cànan, fhastadh gu h-eadar-amail mar Cheannard, an dèidh do dh'Iain Caimbeul an dreuchd fhàgail an dèidh dìreach trì mìosan anns an obair. Tha a' chiad Chathraiche a bha riamh air a' Bhòrd, Donnchadh Fearghasdan, ag ràdh gu bheil a' bhuidheann ann an èiginn.

An NHS

Tha aithisg ùr an-diugh ag ràdh gum feum atharrachaidhean mòra a bhith ann mu choinneimh laigse ann an siostam an NHS an Alba. Thuirt an t-Oll. Ailean MacPheadrais aig Oilthigh Srath Chluaidh, a bha os cionn na buidhne a rinn an sgrùdadh, gu bheil fàiligeadh bunaideach anns a' cho-obrachadh eadar luchd-obrach meidigeach agus manaidsearan an NHS. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi iad a' beachdachadh air fichead moladh a th' anns an aithisg.

Am Pàipear Beag

Tha connspaid aig an West Highland Free Press, a th' air dealachadh ri dithis a bha a' sgrìobhadh cholbhan dhaibh - Brian MacUilleim agus an t-Àrd-Oll. Dòmhnall MacLeòid. Chuir Mgr MacUilleim, fear de na stèidhich am Pàipear Beag an toiseach, dìon air an Àrd-Ollamh, airson pìos a sgrìobh esan air in-imrich agus buaidh Ioslam air Breatainn. Chaidh innse dhaibh le chèile nach robh an còrr feum aig a' phàipear orra. Agus on uair sin thuirt Maggie Choinneagan nach sgrìobh ise an còrr dhan phàipear nas motha, mar ghearain air cho suarach 's a thachair dhan dithis.