Claigeann daonna ga lorg air a' Chomraich
- Air fhoillseachadh
Chaidh caigeann daonna, agus cnàmhan eile, a lorg fhad 's a bha obair a' dol air adhart air seann togalach air a' Chomraich.
Chaidh na cnàmhan a lorg Diciadain aig oifis na h-oighreachd.
Thuirt na Poilis gun deach arc-eòlaichean a thoirt a-steach airson rannsachadh a dhèanamh air na cnàmhan.
A rèir mhuinntir an àite, dh'fhaodadh gu bheil an togalach san deach an lorg suas ri 200 bliadhna de dh'aois.
Thuirt labhraiche do na Poilis: "Chuir ball den phoball fios air na Poilis 's iad den bheachd gun do lorg iad claigeann daonna ann an togalach air Oighreachd na Comraich.
"Thathas den bheachd gur e seann chlaigeann a th' ann.
"Is coltach gu bheil e air a bhith ann grunn bhliadhnaichean, agus chan eileas an dùil gu bheil dad amharasach mun chùis."