Ceannard ùr Bhòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an obair a thoirt do Mhgr Moore gu h-eadar-amail an dèidh do dh'Iain Caimbeul a dhreuchd fhàgail gu h-obann an dèidh dìreach trì mìosan.

Gheall an Ceannard eadar-amail aig Bòrd na Gàidhlig gun teid làn-sgrùdadh a dhèanamh air dòighean-obrach a' Bhùird, agus air buidhnean Gàidhlig eile.

Thòisich Joe Moore - aig nach eil Gàidhlig - san dreuchd Diluain.

A rèir Mhgr Moore, chan eil e na annas nach eil a h-uile duine anns an sgioba a' tarraing air an aon ràmh.

Ach tha e ag ràdh gum feum iad tighinn còmhla agus amasan a' Phlana Nàiseanta a choilionadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Joe Moore.

"Bha iad ag aithneachadh gun toireadh e beagan ùine a bhith a' fastadh Ceannard ùr aig a bheil Gàidhlig," thuirt e.

"Mar sin, cha robh iad ag iarraidh nach deadh dad a dhèanamh gus am faigheadh iad ceannard ùr le Gàidhlig, 's ann a bha iad ag iarraidh cuid de na molaidhean a chaidh mu choinneimh a' Bhùird sa Mhàrt a chur air adhart.

"Chaidh fhaighneachd don roinn againne an deadh againn air duine a shaoradh san eadar-ama. Leis gu bheil mise ag obair san aon togalach co-dhiù, chaidh fhaighneach dhiomsa am bithinn deònach an obair a ghabhail," thuirt e.

'S ann às na crìochan a tha Mgr Moore, agus chan eil facal Gàidhlig aige, no eòlas air saoghal na Gàidhlig.

Thug e ceum innleadaireachd a-mach aig Oilthigh Dhùn Dè, agus bha e roimhe na mhanaidsear air sgìre a tuath de dh'Uisge na h-Alba mus d' fhuair e obair aig Dualchas Nàdair na h-Alba.

Tha ceistean air cuid dè an t-eòlas a th' aige a chuireas e ris an obair.

"An toiseach, 's e foighdinn a tha mi ag iarraidh orra," thuirt Mgr Moore.

"Chaidh mo thoirt a-steach aig an ìre seo gus coimhead air a àm cudromach ann an leasachadh na buidhne, agus 's e na sgilean a tha mi a' toirt leam, sgilean gnothachais.

"Tha iad ceangailte ri coimhead ri ath-structaradh, bruidhinn ris an luchd-obrach, 's dèanamh cinnteach gun tuig an luchd-obrach na tha a' dol air adhart, an t-atharrachadh a dh'fhaodadh tighinn air a' Bhòrd aig deireadh chùisean.

"Tha sinn uile ceangailte ris na sgilean a th' agamsa. Tha mi air a dhèanamh sa bhuidhinn eile dha bheil mi ag obair, agus tha mi air a dhèanamh ann am buidhnean ron a seo," thuirt e.