Truailleadh liananaich san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh air nochdadh mu thruailleadh liananaich ann an ceithir lochan san Eilean Sgitheanach.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil truailleadh ann an Loch Sligeachain, Loch Àinort, Loch Èiseart agus Loch Slaopain.

Tha an-dràsta casg air àrach mhaoraich anns na lochan sin.

Thathas a' comhairleachadh dhan t-sluagh maorach a thàinig bho na làraichean sin a sheachnadh gus an tig ìsleachadh air an ìre thruaillidh.