Bòrd "a' riochdachadh an Riaghaltais"

An t-Àrd-Oll. Dòmhnall Meek
Image caption B' e an t-Àrd-Oll. Dòmhnall meek a bha os cionn na buidhne comhairleachaidh a mhol gun deadh Bòrd na Gàidhlig a chruthachadh.

Thuirt an duine a bha os cionn na buidhne riaghaltais a' stèidhich Bòrd na Gàidhlig bho chionn dusan bliadhna nach deach na h-amasan a bha mun coinneimh an toiseach idir a choilionadh agus nach eil iad a' riochdachadh nan Gàidheal mar a tha còir aca.

Tha an t-Àrd-Oll. Dòmhnall Meek a' moladh gun tèid coimhead às ùr air a' Bhòrd agus na dleastanasan a th' orra.

"Chan eil mise a' smaoineachadh gun tàinig Bòrd na Gàidhlig mar a chunnaic mise e an toiseach riamh gu buil," thuirt e.

"'S e a' chiad rud a bha mise ag iarraidh, gun togadh am Bòrd inbhe na Gàidhlig a leithid de dhòigh 's gun cluinneadh Alba gu lèir gun robh a' Ghàidhlig ann.

"Bha mi airson gum biodh guth nan Gàidheal fhèin làidir, agus gum biomaid moiteil às a' Ghàidhlig, 's gum biodh foillseachaidhean ann, gum biodh sanasan ann, gum biodh am Bòrd a bha seo fosgailte, farsainn, agus cuideachd a' ruigheachd air na coimhearsnachdan.

"Nise 's e an rud a chì mise a thachair, gun deach am Bòrd an rathad eile - gun deach am Bòrd sìos slighe an Riaghaltais.

"Agus an àite, nam bharail-sa, a bhith a' riochdachadh nan Gàidheal don Riaghaltas, 's e a tha am Bòrd a' dèanamh, a' riochdachadh an Riaghaltais do na Gàidheil.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An t-Àrd-Oll. Dòmhnall Meek.

"Ma 's e sin a-mhàin a tha e a' dèanamh, bhiodh e a' cheart cho math dha a bhith air a stèidheachadh ann an Dùn Èideann.

"'S e rud eile a tha a' dèanamh dragh mòr mòr dhomh, gu bheil e comasach don Riaghaltas dìreach, ceann-suidhe eadar-amail a chur ann. Cuideigin a bhios ann airson na h-ùine a tha seo nuair nach eil ceannard aca, agus a tha dìreach a' tighinn às an Riaghaltas, à buidhinn eile.

"Tha seo a' dearbhadh dhut, nam bharail-sa, nach eil anns a' Bhòrd ach pìos eile de bhiurocrasaidh Dhùn Èideann.

"Aig a' cheann thall, tha mise a' smaoineachadh gu bheil e nàireach gur ann mar sin a tha cùisean.

"An àite a bhith a' togail na Gàidhlig ann an Albainn, 's e a tha am Bòrd a' dèanamh, a' toirt sealladh do dh'Albainn air cho leibideach 's a tha cùisean.

"Nise chan eil sin a' còrdadh rium. Tha iad a' faicinn ceannardan a' fàgail an dèidh trì mìosan. Dè tha seo ag ràdh mun Bhòrd? Dè tha e ag ràdh mu chor na Gàidhlig? Dè tha e ag ràdh mu chomas nan Gàidheal a bhith a' rianachadh an cuid cànain agus an cuid dualchais fhèin.

"Tha an t-uabhas de cheistean ann fa chomhair a' Bhùird a tha seo. An e gum feum sinn tòiseachadh às ùr leis a' Bhòrd a tha seo? A bheil e air a shlighe buileach a chall? An robh e riamh air an t-slighe cheart? Càite a bheil e a' dol?

"Chan eil mi idir a' smaoineachadh gu bheil e do-dhèante bòrd a stèidheachadh a tha math air gnothaichean airgid a riarachadh, math air an Riaghaltas a riochdachadh - ach aig an aon àm a tha a' togail bratach na Gàidhlig a leithid de dhòigh 's gum bi sinn uile moiteil às, agus às a' Ghàidhlig.

"Tha an t-àm againn cha-mhòr, buidheann chomhairleachaidh a stèidheachadh a-rithist, agus sùil a thoirt air a' Bhòrd feuch a bheil am Bòrd a tha seo a' coileanadh a dhleastanais? A bheil e a' dèanamh na bha mise ag iarraidh ann an 2003 nuair a chaidh a stèidheachadh? An do choilion e na h-amasan a chaidh a chur roimhe, air fad? 'S mura do choilion, carson?

"Cha robh mise riamh a' smaoineachadh gum bithinn-sa anns an t-suidheachadh a tha seo, a' bruidhinn mar seo mun Bhòrd dusan bliadhna an dèidh dhomh a stèidheachadh.

"Tha e a' dèanamh dragh mòr mòr dhomhsa, agus chan eil e buileach a' còrdadh rium feumaidh mi a ràdh, aig an àm seo de m' bheatha, 's mi pìos math nas sine, 's mi a' toirt sùil air ais air na rinn sinn o chionn dusan bliadhna, gu bheil mi a' faicinn na tha mi a' faicinn an-dràsta," thuirt e.

Thuirt cathraiche a' Bhùird, Ailean Dòmhnallach, gu bheil e ag aontachadh ri cuid de na puingean a thog an t-Àrd-Oll. Meek ach gu bheil cùisean air atharrachadh bho chaidh an aithisg a sgrìobhadh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach.

"Grunnan math de na puingean a tha Dòmhnall a' togail tha iad ciallach gu leòr, agus 's e duine a th' ann an Dòmhnall dhan toirinn mòr-spèis agus mòr-urram airson na tha e air a dhèanamh ann an saoghal nan Gàidheal thairis air na bliadhnaichean," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha mi cinnteach gur e a' phrìomh phuing a thogainn ris, 's e gu bheil dusan bliadhna air a dhol seachad on a bha na h-amasan a tha sin aig Dòmhnall, agus tha saoghal nan Gàidheal, mar a tha an saoghal gu lèir air atharrachadh gu mòr anns na bliadhnaichean a tha sin.

"Cuid de na freagairtean a bha ceart gu leòr agus cothromach aig an àm a bha sin, 's dòcha nach eil iad cho cothromach agus dòigheil an-diugh.

"Tha obair a' Bhùird air leudachadh gu mòr. Ma tha thu an sàs ann an leasachadh cànain, 's e baile a tha thu a' togail. Chan eil crìoch a' dol a thighinn air gu bràth.

"Agus mar as soirbheachail a tha thu, 's ann nas motha a tha am baile a' fàs mòr.

"Ann an iomadach dòigh, na h-uallaichean a th' air a' Bhòrd an-diugh, tha iad fada fada fada nas motha 's dòcha na bha Dòmhnall a' faicinn na bliadhnaichean sin air ais ... leithid foghlaim mar eisimpleir," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo