Athchuingean mu amar leigheas-uisge
- Air fhoillseachadh

Cuiridh luchd-iomairt a tha a' strì airson an amar-snàimh blàth leigheas-uisge ann an Inbhir Narann a ghlèidheadh trì ath-chuingean a dh'ionnsaigh Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd Diciadain.
Tha cha-mhòr 1,500 ainm air na h-athchuingean.
Tha am Bòrd ag ràdh nach cuir iad airgead mu choinneimh an ionaid bho àm Foghair am-bliadhna.
Bidh 500 euslainteach a' tadhail air an amar an Inbhir Narann a h-uile mìos. Tha e gu h-araid feumail do dhaoine air a bheil tinneas nan alt.
Ach bhon Damhair tha Bòrd Slàinte na Gàidhelatachd gu bhith a' sguir a' cur euslainteach a dh'ionnsaigh an ionaid. Tha sin a' ciallachadh gun tig lùghdachadh air teachd-a-steach an ionaid, agus ceistean mòra a-niste mun taic-airgid a tha iad a' faotainn.
Aig coinneimh phoblaich an t-seachdain seo chaidh thuirt a' bhuidheann charthannais Arthritis Care gum biodh iad deònach airgead a chur mu choinneimh an ionaid nam biodh agus am Bòrd Slàinte.
A rèir Chathraiche Urras Leigheas-Uisge Inbhir Narann, Alasdair MacGriogair, cha robh Àrd-Stiùiriche no Cathraiche NHS na Gàidhealtachd deonach coinneachadh ris a' bhuidhinn gus na h-athchuingean a ghabhail.
"Bidh tha mi an dùil triùir no ceathrar chomhairlichean, comhairlichean coimhearsnachd, urrasairean an amair, luchd-obrach, agus luchd-cleachdaidh," thuirt e.
"Tha iad uile dearg le feirg ri linn mar a tha NHS na Gàidhealtachd air dèiligeadh ri seo.
"Agus 's e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh gu bheil coltas ann gun tèid an leigheas air a bheil iad an eisimeil mìos an dèidh mìos, seachdain an dèidh seachdain, bliadhna an dèidh bliadhna, a ghiorrachadh le NHS na Gàidhealtachd. Tha sinne an dòchas nach tachair sin."
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air coinneachadh ris an Urras gu tric thar nam bliadhnaichean.