Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Chaidh cion-cosnaidh air feadh Bhreatainn suas airson a' chiad uair ann an còrr is dà bhliadhna. Tha figearan ùra bho Oifis na Staitistig Nàiseanta an-diugh ag ràdh gun robh àrdachadh 15,000 ann eadar toiseach a' Mhàirt agus deireadh a' Chèitein, a' fàgail 1.85m gun obair. Ach thàinig an àireamh a bha gun obair ann an Alba a-nuas 15,000 gu 152,000.

Bhòtaichean Sasannach

Bidh tuilleadh deasbaid ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air còirichean bhòtaidh nam Ball Albannach. Tha an Riaghaltas a' tilleadh le dreach ùr den phlana airson bhòtaichean Sasannach air laghan Sasannach, an dèidh gèilleadh an-dè nuair a mhaoidh an SNP gum bhòtadh iad an aghaidh atharrachaidh san lagh mu shealg shionnach ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh.

Scottish Gas

Tha Scottish Gas a' gearradh 5% far nam prìsean aca bho dheireadh an Lùnastail. Seo an dàrna gearradh a rinn iad am-bliadhna, agus tha iad ag ràdh gun cùmhn e anns an fharsainneachd mu £35 sa bhliadhna do luchd-cleachdaidh.

Dealan

Thàinig rabhadh bhon Ghriod Nàiseanta gu bheil cunnart gu math nas motha ann gum bi an dealan a' dol dheth air a' Gheamhradh seo seach mar a bha an-uiridh. Tha an Griod Nàiseanta ag ràdh gu bheil dùnadh stèiseannan cumhachd a' ciallachadh nach bi air fhàgail an còrr de dhealan air an t-siostam ach 1.2% - an ìre as lugha ann an deich bliadhna.

Stailcean

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun dèan lagh ùr airson stailcean cothromachd eadar luchd-fastaidh agus luchd-obrach. Tha an Riaghaltas a' foillseachadh bile an-diugh a tha ag ràdh gum feum leth de bhuill aonaidh bhòtadh ann am baileat mus bi an stailc laghail. Tha na h-aonaidhean a' gearain nach eil feum sam bith air atharrachadh, 's iad ag ràdh gu bheil e mì-chothromach.

Oskar Groening

Chuir cùirt anns a' Ghearmailt binn ceithir bliadhna sa phrìosan air fear a bha na oifigeach san SS air a bheil am far-ainm am Bookkeeper of Auschwitz. Chaidh Oskar Groening, a tha 94 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ciontach fo chasaid co-cheangailte ri mòr-mhurt aig campa Nàsach Auschwitz bho chionn 70 bliadhna.

Creachain

Chuir Comann Iasgairean nan Eilean Siar fàilte air riaghailtean ùra airson dìon air stoc a' chreachain. Bhon Earrach an ath-bhliadhna thig àrdachadh air meud nan creachan a bhios e ceadaichte a chur air tìr, agus bidh gearradh anns an àireamh chliathan a dh'fhaodas bàtaichean a bhith a' slaodadh. Thuirt an Comann gu bheil iad air a bhith a' strì bho chionn fhada airson dìon bhon sgrios a tha bàtaichean mòra a' dèanamh air a' chreachan faisg air na cladaichean.