Feusgain gun reic o chionn dà mhìos

Feusgan Image copyright European Photopress Agency
Image caption Chan eil an tuathanas maoraich air airgead sam bith a ghabhail a-steach bho chionn dà mhìos ri linn an liananaich.

Tha fear a th' air a bhith fad 30 bliadhna ag àrach maoraich ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich ag ràdh nach fhaca e riamh cùisean cho dona 's a tha iad an-dràsta.

Chan eil Pàdraig MacAsgaill, aig a bheil tuathanas maoraich ann an Slèite, air càil a reic bho chionn dà mhìos.

Tha an naidheachd a' tighinn agus casg air iasgach ann an ceithir lochan san eilean - Loch Sligeachain, Loch Àinort, Loch Èiseart agus Loch Slaopain.

Chan eil fios cinnteach ann fhathast cuin a bhitheas cothrom air feusgain a bhuain, agus an liananach nas miosa na b' àbhaist.

Nas reamhra

"Chleachd iad a bhith a' sìoladh air falbh mun àm seo, ach am-bliadhna co-dhiù tha e nas miosa na o chionn ùineachan," thuirt Mgr MacAsgaill.

"Tha sinn an dèidh a bhith dùinte a-nise bho mheadhan a' Chèitein gu seo fhèin.

"Chan urrainn dhuinn sian a chur a-mach dha na taighean-òsta 's na taighean-bìdhe anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

"Bidh gainnead ann de dh'fheusgain co-dhiù," thuirt e.

Bidh tuathanas maoraich Mhgr MhicAsgaill a' cur sampail uisge agus de dh'fheusgain air falbh a h-uile Diluain gu ionad ann an Weymouth ann an Dorset, far an tèid deuchainn a dhèanamh air feuch dè na tha de liananach agus rudan eile san uisge.

Bidh a' bhuidheann sin a' cur casg air a bhith a' reic maoraich ma tha cus liananaich ann, gus an tuit sin.

"Chan eil sgillinn a' tighinn a-steach. Ged a tha stoc anns an uisge - chan eil e a' dèanamh dragh sam bith dha na feusgain fhèin. Chan eil anns an liananach ach biadh dhaibhsan," thuirt Mgr MacAsgaill.

"Tha e puinnseanta do mhac an duine, ach tha na feusgain a' fàs nas reamhra fad na h-ùine.

"Tha diofar bheachdan aig daoine, ach tha sinn fhèin a' smaoineachadh gur e blàthachadh na Cruinne as coireach. Tha an t-uisge nas blàithe na chleachd e a bhith, fiù 's anns a' Gheamhradh.

"'S dòcha gu bheil sin a' cumail an liananaich beò nas fhaide.

"Tha sgudal a' dol dhan uisge cuideachd, agus tha sin ga chumail beò. Tha e a' biadhadh air sin - nitrates agus gnothaichean mar sin.

"Tha sinn faisg a-nise air 30 bliadhna a bhith ag obair leis na feusgain, agus tha sinn an dèidh faicinn atharrachaidhean mòra san uisge mar a tha an tìm a' dol seachad.

"Agus chan ann nas fheàrr a tha e a' dol a rèir choltais," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo