Beachd Dhòmhnaill
- Air fhoillseachadh
- comments
Seo fear dhe na h-adhbharan gu bheil sgoilearan - agus oilthighean - ann.
Tha feum air eòlaichean a tha neo-eisimeil, aig a bheil an saorsa an fhìrinn - mar a tha iad fhèin ga faicinn - a shìreadh agus a chur an cèill.
Ann an saoghal na Gàidhlig, far as coltach uaireannan gu bheil sinn uile eòlach air a chèile, dh'fhaodadh tu cumail a-mach gun robh sin nas cudromaiche builleach.
Mar sin, thèid èisteachd ri beachdan Dhòmhnaill Meek, as dèidh mar a dh'innis e do BhBC An Là gun robh staid Bòrd na Gàidhlig na "adhbhair nàire" dha.
'S e Dòmhnaill fear dhe na sgoilearan Gàidhealach as cliùitiche a tha ann.
B' ann air sgàth sin a dh'iarradh airsan a' chiad òraid Ghàidhlig a-riamh a thoirt seachad ann an Talla a' Bhòid aig Oilthigh Ghlaschu, air beulaibh nan ceudan sgoilearan Ceiltis bho air feadh an t-saoghal.
Dragh
A bharrachd air sin, bha an t-Ollamh Meek a-measg nam prìomh dhaoine a bha air cùl stèidheachadh a' Bhùird anns a' chiad dol a-mach.
Dusan bliadhna on uair sin, tha e dhen bheachd nach eil Bòrd na Gàidhlig idir a' coilionadh nan amasan a bha aige nuair a chaidh a chur air cois.
Tha fàgail Iain Chaimbeul às dèidh trì mìosan mar cheannard, agus fastadh Joe Moore, aig nach eil a' chànain, a' cur dragh mòr air.
Ach nas miosa na sin, tha an t-Ollamh Meek a' creidsinn gu bheil am Bòrd a-nis "a' riochdachadh an riaghaltais do na Gàidheil", seach na Gàidheil don riaghaltas.
Na bheachd fhèin, dh'fhàg sin nach robh ann ach "pìos eile de bhiurocrasaidh Dhùn Èideann".
Mar sin tha e a' moladh gum bu chòir sùil ùr, gheur a thoirt air amasan a' Bhùird.
Ciallach
Chan robh ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan mun cuairt gus na ceistean seo a fhreagairt - tha e thall thairis.
Ach bhruidhinn Cathraiche a' Bhùird, Ailean Dòmhnallach, air Aithris na Maidne.
Ghabh e ris gun robh cuid de na puingean aig an Ollamh Meek "ciallach gu leòr".
Ach thuirt gun do dh'atharraich amasan a' Bhùird o chaidh a stèidheachadh, mar a dh'atharraich an saoghal agus saoghal na Gàidhlig gu sònraichte.
'S dòcha gur e a' cheist as cudromaiche a bheil sinne, Gàidheil na h-Alba, riaraichte gu bheil am Bòrd a' dèanamh na tha a dhìth, agus, mura h-eil, ciamar a chuireamaid sin an cèill?
Ceistean mòra do Mhinistear na Gàidhlig nuair a thilleas e.