"Leisgeul" on Phàipear Bheag

  • Air fhoillseachadh
Am Pàipear Beag
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Mgr MacCarmaig gun deach an earbsa eadar e fhèin agus Brian MacUilleim a bhriseadh leis an dòigh anns an do chuir Mgr MacUilleim dìon air an Àrd-Oll. MacLeòid.

Tha deasaiche Phàipeir Bhig an Eilein Sgitheanaich, an West Highland Free Press, air leisgeul a thabhainn ann am pàipear na seachdain seo airson mar a dhèilig e ris an Àrd-Oll. Dòmhnall MacLeòid, nach eil tuilleadh a' sgrìobhadh colbh dhan phàipear.

Thuirt Iain MacCarmaig, ann am brath a chaidh fhoillseachadh air duilleag aghaidh a' phàipeir an t-seachdain seo, gun robh e air mearachd mhòr a dhèanamh le mar a bhruidhinn e ris às dèidh colbh a sgrìobh e air Muslamaich.

Ach tha Mgr MacCarmaig air dìon a dhèanamh air mar a chuir e Brian MacUilleim, a chruthaich am pàipear, às a dhreuchd mar cholbhaiche.

A rèir Mhgr MhicCarmaig, chaidh an earbsa eatarra a bhriseadh leis an dòigh anns an do chuir Mgr MacUilleim dìon air an Àrd-Oll. MacLeòid.