Fèis Chiùil Thiriodh a' dol bho neart gu neart

Fèis Chiùil Thiriodh Image copyright Fèis Chiùil Thiriodh
Image caption Am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar bidh na Fratellis, Funbox, Skerryvore, Mànran agus Trail West.

Tha mu 1,700 duine a' dèanamh air Eilean Thiriodh an t-seachdain seo airson Fèis Chiùil Thiriodh 2015.

Thèid an fhèis a chumail eadar an 17mh agus an 19mh den Iuchar ri taobh chladaichean Bhagh Crosaboil.

Am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar bidh na Fratellis, Funbox, Skerryvore, Mànran agus Trail West.

Chaidh na tiodaidean gu lèir airson fèis na bliadhna seo a reic taobh a-staigh còig uairean de thìde.

Bidh BBC ALBA a' clàradh aig Fèis Chiùil Thiriodh 2015 airson a' chiad uair a-riamh.

Thuirt Màiread Chamshron, Neach-Deasachaidh BBC ALBA: "Tha ainm agus cliù aig BBC ALBA airson a bhith a' taisbeanadh cuid den cheòl agus tachartasan ciùil as fheàrr ann an Alba agus tha Fèis Chiùil Thiriodh mar aon de na tachartasan sin."

Thuirt Daniel Gillespie, stiùiriche na fèise: ''Tha na tiocaidean gan reic gach bliadhna nas luaithe na a' bhliadhna rona sin agus tric nuair a tha sin air tachairt chan eil sinn fiù 's air innse cò uile a tha gu bhith a' cluiche.''

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil BBC ALBA a' clàradh na fèise airson a' chiad uair agus bheir BBC ALBA blas math air an fhèis do dhaoine nach d' fhuair tiocaidean am-bliadhna."

Chaidh Fèis Chiùil Thiriodh a chumail an toiseach ann an 2010.