Croitearan an aghaidh "ath-fhiadhachaidh"

Fearann
Image caption Tha dragh air croitearan gun toir beathaichean-seilge buaidh air an stoc aca.

Chuir Caidreachas Croitearachd na h-Alba gu làidir an aghaidh mholaidhean gus sgìrean de dh'Alba agus de Bhreatainn "ath-fhiadhachadh" le bhith a' leigeil bheathaichean fiadhaich a th' air a dhol à bith ma sgaoil.

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil na planaichean ciallach, ri linn mar a tha an àrainneachd air atharrachadh bho chaidh na beathaichean à bith.

Tha dragh air croitearan mu mholaidhean leithid madaidhean-allaidh agus mathain, lùghannan agus bìobhairean a leigeil ma sgaoil, ri linn na buaidhe a bheireadh iad sin air an cuid stuic agus talamh ionaltraidh.

Tha bìobhairean mar thà ma sgaoil ann an cuid de sgìrean de dh'Alba.

Ath-chruthachadh Àrainneachd

'S ann mu dheidhinn nam beathaichean a bhiodh a' sealg an stuic aca ge-tà, as motha a tha dragh air na croitearan.

"Tha na h-argamaidean a tha buidhnean-coiteachaidh a' cur air adhart airson seo, fon abairt fhasanta "ath-fhiadhachadh" meallta, agus chan eil iad a' gabhail a-steach mar a tha an àrainneachd air atharrachadh thar nan linntean a dh'fhalbh," thuirt Cathraiche a' Chaidreachais, Fiona Mandeville.

"Gun teagamh, tha cuid de bheathaichean samhlachail leithid na feòraige ruaidh a tha feumach air dìon.

"Ach chan eil ciall ann a bhith a' toirt beathaichean-seilge mòra leithid iolairean agus madaidhean-allaidh, agus peasain mhillteach leithid a' bhìobhair, air ais, o chionn 's gu bheil an àrainneachd air atharrachadh uiread o bha iad an seo mu dheireadh.

"Mar eisimpleir, nuair a bha iolairean-mara ann an Albha, bha iasg pailt mu na cladaichean a chumadh biadh riutha.

"Chaidh an toirt air ais aig àm nuair a tha am biadh nàdarra gu math gann, agus mar sin bidh iad a' sealg stuic na àite.

"Ma thu a' dol a thoirt bheathaichean air ais, feumaidh tu an toiseach an àrainneachd nàdarra ath-chruthachadh.

"Nuair a thog tuathanaich anns an ear-dheas dragh mòr mu bheachd gum faodadh an lùgh a bhith air ais nam measg-ne, thuirt labhraiche don bhuidhinn a th' air cùlaibh nam planaichean nach biodh dragh orra, mura bi iad san ear-dheas, "tha pailteas de chnuic "fhiadhaidh" mun iar-thuath far am faodar an leigeil ma sgaoil".

"Chan eil a' chuid as motha den fhearann a tha SNH a' meas "fiadhaich" fiadhaich idir; 's e dìreach gu bheil coltas fiadhaich orra tro shùilean muinntir a' bhaile mhòir.

"Do na daoine a tha a' fuireach ann, tha na sgìrean sin cho grinn ri pàirce sa bhaile. Bidh croitearan, a tha a' crochadh air an cuid stuic a' coimhead às an dèidh. Cha-mhòr nach e caoraich nam beann as motha a th' ann an cunnart air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an-diugh.

"Tha mi eòlach air tuathanaich thraidiseanta anns an t-Suain a th' air fulang ri linn madaidhean-allaidh a bhith air an toirt air ais. Tha cuid dhiubh air an cùl a chur ri àiteachas ri linn. Tha gu leòr de rudan a' bagairt air a' chroitearachd mar thà, gun seo.

"'S e argamaid bhuaireasach a tha na buidhnean coiteachaidh a' cur air adhart airson na beathaichean seo a thoirt air ais, ach feumar a tuigsinn sa cho-theacsa ceart.

"Tha croitearan air a bhith a' coimhead às dèidh na h-àrainneachd luachmhoir a tha seo o chionn linntean, agus chan urrainnear coimhead orra ach mar luchd-glèidhteachais iad fhèin.

"Bidh droch bhuaidh aig oidhirp an cur a-mach às na sgìrean seo le bhith a' sparadh bheathaichean-seilge orra air cruth na tìre, bith-iomadachd, sluagh a chumail ann an sgìrean dùthchail, agus tèarainteachd bìdhe," thuirt i.