Parcadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Atharrachadh parcaidh an Earra-Ghàidheal

16 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson riaghailtean-parcaidh anns an Òban agus Muile atharrachadh.

Chaidh na molaidhean aca a-mach gu co-chomhairleachadh phoblach deireadh na h-Ògmhìos le ceann-là airson beachdan Diluain na seachdain seo.

Ach chuir a' Chomhairle an ceann-là air ais gu Diluain na h-ath-sheachdain.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris air na tha planaichean na Comhairle a' ciallachadh do mhuintir na sgìre, agus do dhaoine a tha a' tadhail air a' bhaile.