Ainm ga thaghadh do bhàt-aiseig ùr

MV Halaig
Image caption Bidh MV Catriona am measg trì soithichean aig Cal Mac, leithid MV Halaig, a tha a' ruith air measgachadh de diesel agus dealan.

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn ainm bhàt-aiseig ùir a thèid a chur air bhog san Dùbhlachd.

'S e Catriona an t-ainm a bu mhotha a fhuair de bhòtaichean ann am farpais a chùm a' chompanaidh gus ainm a thaghadh, a' faighinn 44 bhòtaichean.

'S e an MV Catriona an treas bàt-aiseig ann an Alba a ruitheas an dà chuid air einnsean diesel agus cumhachd dealain.

Tha an t-soitheach an-dràsta ga togail aig Gàradh Mhic Fhearghais ann am Port Ghlaschu.

'S e Catriona tiotail nobhail a sgrìobh Robert Louis Stevenson ann an 1893, a' leantainn air an sgeulachd ainmeil aige, Kidnapped.

Tha ainmean ceangailte ri litreachas na h-Alba air an dà shoitheach eile de a seòrsa cuideachd - an MV Halaig, agus MV Lochinvar, a chuireadh an seirbheis ann an 2013, agus 2014.