Iomairt a' bhàta-slaodaidh a' leantainn

An Anglian Earl
Image caption Chan eil a-nis ach an aon bhàta-slaodaidh anns a' cheann a' tuath bho chaidh tè Steòrnabhaigh a thoirt air falbh

Tha cuid de bhuill an SNP ann an Westminster a' cur taic ris an iomart bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr air a' chost an iar.

Chan eil air fhàgail anns a' cheann a tuath a-nis ach an aon bhàta-slaodaidh, a tha stèidhichte ann an Arcaibh, bho chaidh an tè a bha a' frithealadh a' Chuain Sgith a thoirt air falbh.

'S ann mar phàirt de ghearraidhean an Riaghaltais a chaidh am bàta a thoirt far na seirbheis, 's iad ag ràdh gun do shàbhail seo £2.5m dhaibh sa bhliadhna.

Sàbhailteachd

Tha am ball SNP airson Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè, Drew Hendry, ag iarraidh air Ministear na Còmhdhail coinneachadh ri buill phàrlamaid a chinn a' tuath gus bruidhinn mu na draghan a th' orra.

Tha Mgr Hendry ag ràdh gu bheil grunn chùisean èiginn anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh air dearbhadh gu bheil feum air bàta-slaodaidh air a' chost an iar.

Am-measg nan cùisean sin bha na dh'èirich dhan MV Parida a chaidh na teine, le stuth rèidio-beò aice air bòrd, ann an Linne Mhoireibh san Dàmhair a chaidh.

Thuirt Mgr Hendry gu bheil sàbhailteachd a' phobaill ga chuir ann an cunnart 's tha e a' sireadh coinneimh le Ministear na Còmhdhail feuch an gabh bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo