Tha craoladh mhion-chànain ga sgrùdadh
- Air fhoillseachadh

Tha ceistean gan togail ann am pàipear uaine Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air na tha an dàn dhan BhBC, mu chosgaisean nan seirbhisean mion-chànan, mar BhBC ALBA agus Radio nan Gàidheal.
Tha am pàipear uaine ag ràdh gur e Radio nan Gàidheal an dàrna sheirbhis rèidio as daoire a th'aig a' BhBC a thaobh cosgais gach neach-cleachdaidh gach uair a thìde.
Tha am pàipear ag ràdh gu bheil buidseat de £6m aig Radio nan Gàidheal agus gu bheil am BBC a' cur £9m an sàs ann am BBC ALBA.
Tha sin a' fàgail gu bheil Radio nan Gàidheal a' cosg 18.9sg, gach neach-cleachdaidh, gach uair a thìde, agus BBC ALBA, 8.3sg.
Tha Radio Alba a' cosg 3.8sg air an aon shlat tomhais, le buidseat de £31m.
Tha am pàipear ag ràdh gu bheil obair chudromach aig a' BhBC ann a bhith a' cumail taic ri na diofar mhion-chànain ann am Breatainn, 's nach biodh mòran chothrom ann am frithealadh le buidhnean craolaidh choimearsalta.
Ach, tha iad ag ràdh gu bheil dùbhlain ann cuideachd - nach eil na seirbhisean a' ruighinn uidhir a dhaoine 's a b'àbhaist - gu h-àraid, tha iad ag ràdh, anns a' Chuimrigh.
Tha na cosgaisean gach uair a thìde airson craolaidhean mion-chànain gu math nas daoire na cosgaisean airson craoladh anns a' Bheurla, tha am pàipear ag ràdh.
Radio nan Gàidheal
Tha Manaidsear Riaghlaidh Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC, Marion NicFhionghain, ag ràdh gur e cho ìosal's a tha àireamhan luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal a tha a' fàgail gu bheil cosgaisean an stèisein nas àirde.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt i: "Tha e gu math sìmplidh, 's e nach eil na h-àireamhan luchd-èisteachd againn cho mòr ri seirbhisean eile, ri lìnn nach eil luchd na Gàidhlig ann.
Thuirt i gu bheil an dealbh gu tur eadar-dhealaichte nuair a theid coimhead air na tha an t-seirbhis a' cosg gach uair a thìde.
Thuirt i gu feumte coimhead ge-tà, air a bheil luach anns gach seirbhis airson na daoine a tha a' pàigheadh air an son.
"Se seirbhis phoblach dha-rìreabh a th'annainn. Chan eil duine eile a' dol a ghabhail seo os làimh, chan eil an sluagh ann.
Chanainn-sa, tha mi an-dòchas co-dhiù, gun tèid na Gàidheil a tha a' cur meas agus luach air seirbhisean na Gàidhlig, an sàs anns a' cho-chòmhairleachadh a tha seo 's gun dèan iad cìnnteach gun tèid èisteachd riutha."
Co-Chòmhairleachadh
A' foillseachadh a' phaipeir uaine ann an Taigh nan Cumantan, thuirt Rùnaire a' Chultair, Iain Whittingdale, gu feumadh beachdachadh air co-dhiù am bu chòir dhan BhBC feuchainn ris a h-uile càil a dhèanamh, neo a bhith nas mionaidiche.
Bidh ceithir chuspairean mòra fo sgrùdadh tron cho-chòmhairleachadh air a' phàipear uaine:
- Dè as adhbhar dhan a' BhBC, uile gu lèir?
- Dè na seirbheisean agus prògraman a bu chòir dha thoirt seachad?
- Ciamar a bu chòir am BBC a mhaoineachadh?
- Ciamar a bu chòir am BBC a stiùireadh 's a riaghladh?
Thuirt am BBC gum bu chòir do cho-chòmhairleachadh poblach a bhith na phàirt chudromach de dh'ath-sgrùdadh air Cairt a' BhBC.
"Mar a thuirt an t-Àrd Stiùiriche Dimàirt, chan ann leis an luchd-obrach, neo le luchd-poileataigs a tha am BBC, ach leis a' mhòr-shluagh. 'S iadsan ar luchd-earainn. 'S iadsan a tha a' pàigheadh na cìs cheadachd. Bu chòir gur ann aca-san a tha an guth as treasa."