Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mìneachadh a thoirt dhan Phàrlamaid an dèidh dha tighinn am follais gu bheil pileatan Breatannach air a bhith an sàs ann an ionnsaighean adhair ann an Siria, fhad's a tha iad ag obair còmhla ri feachdan na co-bhanntachd. Bhòt Taigh nan Cumantan bho chionn faisg air dà bhliadhna an aghaidh feachdan Bhreatainn a chuir an sàs ann an Siria. Thuirt an Riaghaltas gun d'fhuair àireamh glè bheag de phileatan Feachd an Adhair, cead a dhol an sàs, còmhla ri dùthchannan eile, ann an ionnsaighean air feachd na Stàit Ioslamaich ann an Siria.

Tuathan-gaoithe

Tha a' bhuidheann Scottish Renewables ag ràdh gum faodadh ùghdarrasan ionadail na h-Alba cho mòr ri dà fhichead 's ceithir millean not a chall air an ath-fhichead bliadhna ma dh'atharraicheas subsadaidh nan tuathan gaoithe. Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bho chionn ghoirid gu bheil iad am beachd sguir den taic-airgid do thuathan gaoithe air tìr. Tha Scottish Renewables ag ràdh gu bheil comhairlean ann an cunnart airgead a chall mura tèid sgeamaichean, anns an do chuir iad airgead an sàs mar-thà, air adhart.

Bàta-slaodaidh

Tha buill phàrlamaid sa Cheann a' Tuath ag iarraidh às ùr air Riaghaltas Westminster, bàta-slaodaidh a thilleadh dhan chost an iar. Tha na buill phàrlamaid ag ràdh nach eil an Riaghaltas ann an Lunnainn a' tuigsinn cho fad 's a bheir e tug a chuir ann an èiginn gu tubaist air a' chost an iar.

Ionnsaigh

Tha triùir anns an ospadal an dèidh do chù ionnsaigh a thoirt orra aig tuathanas faisg air Brechin an raoir. Tha aithrisean ann gun deach gille a ghoirteachadh mun cheann agus gun do dh'fhulaing athair agus a phiuthair cuideachd. Thuirt Seirbheis Charbad Eiridinn na h-Alba gun tug iad triùir gu Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè.

Iapan

Dh'innis an Riaghaltas ann an Iapan gu bheil iad a' cuir às dhan phlana son stèidium ùr nàiseanta son nan Geamaichean Oilmpiceach ann an 2020. Tha fearg ann an Iapan mun dòigh san robh cosgais na sgeama 's fhìor èirigh agus aithrisean ann gu robh sin aig còrr's £1.3b.

Bìobhairean

Thuirt eòlaichean gun d'fhuair iad a' chiad shealladh air bìobhar òg a rugadh dhan fheadhainn a chaidh an tilleadh, mar dheuchainn, a Chnapadal ann an Earra Ghàidheal. Thuirt Urras Fiadh-Bheatha na h-Alba gu bheil dùil aca gu bheil cuilean eile ann nach fhac' iad air camara fhathast. Thàinig an deuchainn oifigeal gu ceann as t-earrach agus tha dùil ri fiosrachadh bho Mhinistear na h-Àrainneachd a dh'aitghearr a thaobh an lean an obair seo.