Mì-thoileachas mu cheist an referendum

Ionad-bhòtaidh
Image caption Sgrìobh Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich gu Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, ag iarraidh gun deadh a' cheist anns an referendum a chuir anns a' Ghàidhlig cuideachd.

Dhearbh Oifis nan Dùthchannan Cèin nach tèid a' cheist anns an referendum air àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach a chuir air adhart anns a' Ghàidhlig.

Bidh a' cheist a' nochdadh anns a' Chuimris.

Bha Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, air sgrìobhadh gu Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, 's e airson 's gun nochdadh a' Ghàidhlig air a' phàipear-bhòtaidh cuideachd.

Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin ge-tà nach eil Achd na Gàidhlig riatanach anns an t-suidheachadh seo, leis nach ann a-mhàin air Alba a bhios a' cheist a' bualadh.

Cha bhiodh e ceart, thuirt iad, a' cheist fhoillseachadh ann an aon mhion-chànan a-mhàin 's iad airson 's gum biodh am pàipear "sìmplidh agus furasta a thuigsinn".

"Co-ionnanachd"

Thuirt Iain MacLeòid ge-tà gur e ceist co-ionnanachd a tha seo, 's gum bu chòir an aon chothrom a bhith aig muinntir na h-Alba 's a th' aig muinntir na Cuimris.

Tha Mgr MacLeòid a' dèanamh dheth, leis gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ainm a chuir ri Cùmhnant Eòrpach nam Mion-Chànan, gu bheil sin a' cur uallaich orra taic a chuir ri mion-chànain na dùthcha.

"Cha robh mi a-riamh a' cur cuideim air Achd na Gàidhlig anns an argamaid a tha seo ach bu chòir dhaibh dèiligeadh ris a' Ghàidhlig aig ìre na Rìoghachd Aonaichte anns an aon dòigh anns a bheil iad a' dèiligeadh ris a' Chuimris - 's e sin an argamaid a th' agam".

Tha e cuideachd a' dol às aicheadh gum fàgadh seo am pàipear duilich a thuigsinn.

"Tha e gu math cudromach gu samhlachail seo aontachadh - chan eil ann mar gum biodh ach aon fhacal deug air eadar-theangachadh".

Thuirt e gu bheil grunn bhuill-phàrlamaid air innse dha gun tog iad ceist na Gàidhlig a-rithist nuair a tha Bile an Referendum a' dol tron Phàrlamaid.

Cha do nochd a' Ghàidhlig air a' phàipear anns a' referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba an uiridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile