Taic do thaighean-spadaidh eileanach

Bò
Image caption Tha am pròiseact ag amas air taighean-spadaidh eileanach a dhèanamh nas seasmhaiche.

Tha pròiseact ùr a stèidhich am Prionnsa Teàrlach, agus buidhnean eile, ag amas air taighean-spadaidh eileanach a dhèanamh nas seamhaiche.

Bidh gnìomhachasan ann an Leòdhas, an Uibhist a Tuath, am Barraigh, am Muile agus ann an Ìle a-measg na gheibh taic bho phròiseact nan taighean spadaidh eileanach, anns a bheil Riaghaltas na h-Alba cuideachd an sàs.

Tha an sgeama ag amas air obraichean, gnothachasan agus obair fearainn a dhìon.

Cosgaisean

Chuir fear de chomhairlichean nan Eilean Siar, "Cudig" MacLeòid, fàilte air an sgeama 's e ag ràdh gu bheil cosgais mhòr a' tighinn air taighean-spadaidh eileanach leis nach eil iad a' làimhseachadh na tha sin de stoc.

"Nuair a tha thu a' marbhadh bheathaichean anns na h-Eileanan, tha a' chosgais nas àirde na tha e air tìr-mòr", thuirt e.

Thuirt e gum biodh e feumail do chroitearan nan Eilean nam biodh na taighean-spadail fosgailte barrachd dhen a' bhliadhna.

"An-dràsta, na taighean-spadaidh a th' ann an Uibhist 's ann am Barraigh, tha iad prìobhaideach agus ann an Leòdhas 's ann leis a' Chomhairle a tha e ach chan eil e fosgailte ach dhà neo trì mìosan dhen a' bhliadhna - tha mi an dòchas leis an airgead a tha seo gum faic sinn iad fosgailte barrachd dhen a' bhliadhna".

"Bidh e nas fhasa dhaibh na beathaichean aca a mharbhadh - cha bhi aca ri falbh cho fada leotha".

Tha Mgr MacLeòid cuideachd an dòchas gun cùm an sgeama cosnadh ri daoine 's obair gu bhith air a thoirt dha 15 duine òg mar phàirt dheth.

"Tha mi an dòchas gum faigh iad ionnsachadh ann an croitearachd oir mura bi daoine òg a' faighinn misneachd airson a thighinn a-steach ann, cha bhi e seasmhach".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile