An t-Àrd. Oll. Dòmhnall MacLeòid a' toirt slaic air a' Phàipear Bheag
- Air fhoillseachadh

Tha am buaireadh mu sgrìobhadairean Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich a' leantainn 's an t-Àrd. Oll. Dòmhnall MacLeòid ag ràdh gu robh dol a-mach a' phàipeir "suarach".
Thòisich am buaireadh le colbh a sgrìobh an t-Àrd Oll. MacLeòid mu buaidh Ioslam.
Tha e ag ràdh gun deach rabhadh a thoirt dha leis a' phàipear ann am brath fòn agus gun do cho-dhùin e an uair sin an colbh aige a leigeil seachad.
Nuair a sgrìobh Brian MacUilleam colbh a' cur taic ris an Àrd Oll. MacLeòid, chaidh a chur a-mach às a dhreuchd aig a' phàipear.
Leig Magaidh Choineagan cuideachd seachad a' cholbh aice fhèin ri linn na cùise.
Leisgeul
Ann am pàipear na seachdainn-sa chàidh, thuirt an deasaiche, Iain MacCarmaig, nach robh aithreachas air mu shuidheachadh Mhgr MhicUilleim, air sgàth 's gu robh e air slaiceadh air a' phàipear.
Ach tha an t-Àrd Oll. MacLeòid ag ràdh gu robh Mgr MacUilleam, a bha a-measg na stèidhich am pàipear, air cultar "dàna 's làidir" a chuir an gnìomh ann bho thus.
Tha e ag ràdh gu bheil pàipear uasal air "nàire agus mì-chìnnt a thoirt orra fhèin" leis an dòigh shuarach anns an do dhèilig iad ris an fhear a stèidhich e.
Thabhainn Iain MacCarmaig leisgeul airson mar a dhèilig iad ris an Àrd Oll. Dòmhnall MacLeòid, 's e ag aideachadh gun deach mearachdan a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Iuchar 2015
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar 2015