Craoladh na Gàidhlig "riatanach"
- Air fhoillseachadh

Tha fear a th' air a bhith an lùib iomairt na Gaidhlig fad bhliadhnaichean ag ràdh gu bheil e riatanach gum cùm am BBC taic ri craoladh anns a' chànan.
A-rèir phàipear uaine a nochd bho Riaghaltas Westminster an t-seachdain a chaidh, tha cosgaisean phrògraman mion-chànain gu math àrd, ged a tha ceist ann mun dòigh anns a bheilear a' tomhais nan cosgaisean sin.
Tha Ruairidh Moireach, a bha uair na iar fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar, ag ràdh gum feumar craoladh na Gàidhlig a dhìon.
"Tha e glè iongantach dhomh-sa gu bheil iad mar-thà ag amas air craoladh na Gàidhlig seach rudan eile - gu bheil iad air sin obrachadh a-mach mar-thà".
"Saoilidh mi nach e rùn math sam bith a tha a' toirt orra sin a dhèanamh" thuirt e.
Prìomhachasan
Tha am Pàipear Uaine gu bhith a bhith a' coimhead ri na dè na rudan ris am bu chòir dhan BhBC prìomhachas a thoirt.
Bidh ceithir cuspairean mòra fo sgrùdadh tron cho-chòmhairleachadh air a' Phàipear uaine:
- Dè as adhbhar dhan a' BhBC, uile gu lèir?
- Dè na seirbheisean agus prògraman a bu chòir dha a thoirt seachad?
- Ciamar a bu chòir am BBC a mhaoineachadh?
- Ciamar a bu chòir am BBC a stiùireadh 's a riaghladh?
Thuirt Ruaraidh Moireach gu bheil còir aig luchd na Gàidhlig prògraman fhaighinn anns a' chànan aca fhèin.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e mar dhleastanas air a' BhBC agus air an Riaghaltas gun cùm iad seirbheis rinne - ris a' mhion-sluagh air feadh na dùthcha - gun cùm iad craoladh rinn, gun cùm iad seirbheis rinn anns a' chainnt againn fhìn agus gum bi sin air a choilionadh dìreach mar a bha e ron seo gus am faigh sinn dòigh nas fheàrr air a dhèanamh" thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar 2015