Sgrùdadh ùr airson luchd-coiseachd a tha a dhìth
- Air fhoillseachadh
Rinn sgiobannan tearsairginn nam beann sgrùdadh ùr airson dithis fireannach a chaidh a dhìth às dèidh dhaibh a dhol a-mach a choiseachd leotha fhèin faisg air a' Ghearasdan.
B' ann air an t-seachdainn mu dheireadh dhen Chèitean a chaidh Eric Cyl, 62 agus à Sasainn, fhaicinn mu dheireadh.
Bha e a' dèanamh air na Maim Mhòra ann an Gleann Nibheis
Cha deach Tom Brown, 65, fhaicinn bho dh'fhàg e a dhachaigh ann an Siorrachd Lannraig air a' chiad là dhen Iuchar.
Chaidh a bhaga fhaighinn ann an Gleann Nibheis - mìle an ear air an Steall.
Thuirt fear-labhairt bho Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair gun do rinn iad sgrùdadh air na diofar shlighean a dh'fhaodadh an dithis fhireannach a bhith air a ghabhail ach nach d' fhuair iad sgeul orra.
Thuirt e gun cumadh iad orra gan lorg agus dh'iarr e air luchd-coiseachd innse dhaibh ma chì iad aodach air neo uidheamachd coiseachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 1 An t-Ògmhios 2015