Droch shìde a' toirt buaidh air Fèis Thiriodh
- Air fhoillseachadh

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air muinntir Thiriodh an dèidh mar a chuidich iad na ceudan dhaoine a bh' air an eilean airson fèis ciùil na bliadhna aig an deireadh sheachdain.
Thug gèile is uisge buaidh air làrach na fèise agus b' fheudar do stiùirichean na fèise na cuirmean ris an robh dùil oidhche Haoine a chuir dheth.
Chaidh mu 1000 dhaoine a thoirt far làrach na fèise 's iad a' cur seachad na h-oidhche ann an tallaichean an eilein agus ann an dachannan dhaoine.
Chuir dà bhùth air tìr-mòr teantaichean a-null air an aiseag saor 's an asgaidh dhan fheadhainn a chaill an fheadhainn aca fhèin anns an stoirm.
A dh'aindeoin droch thoiseach-toiseachaidh ge-tà, nochd a' ghrian Disathairne agus thòisich an fhèis a-rithist.
B' seo an fhèis as mòtha bho thòisich Fèis Ciùil Thiriodh ann an 2010 le mu 1700 duine ga frithealadh aig an deireadh-sheachdainn.
Chaidh na ticeardan air fad a reic taobh a-staigh còig uairean a thìde.