Rabhadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd mu thinneas Lyme
- Air fhoillseachadh

Tha Roinn na Slàinte Àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd airson nan cunnartan a tha an cois a' ghartain a thoirt gu aire dhaoine.
Bidh cuid dhen fheadhainn a thèid a bhìdeadh leotha a' glacadh tinneas Lyme.
Tha co-òrdanaiche a' phròiseict, Bob Murdoch, ag ràdh gu bheil e fhèin eòlach air grunn dhaoine a ghlac tinneas Lyme 's an gartan gu math pailt air a' Ghàidhealtachd.
Thathas a' tomhais gu bheil mu aonan anns gach deich dhen na biastagan a' giùlain tinneas Lyme.
Tha iad a' moladh do dhaoine gun a bhith a' coiseachd tro fheur fada le casan neo gàirdeanan rùisgte eadar an Cèitean agus an t-Sultain nuair a tha an gartan as pailte.
Tha iad cuideachd air maoineachadh fhaighinn airson uidheam a thoirt seachad do dhaoine a leigeas leotha gartain a thoirt asta ma thèid am bìdeadh.