Luaidh air seann chomhairliche eileanach
- Air fhoillseachadh
Rinn fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar luaidh air Dòmhnall Dòmhnallach a bha roimhe na chomhairliche airson Scalpaigh, na Bàigh agus taobh sear na Hearadh.
Bha e na bhall dhen chomhairle fad 17 bliadhna, suas gu 2007.
Thuirt fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach gur e duine math a bh' ann a rinn obair mhòr dhan choimhearsnachd aige.
Bha e a-measg na rinn strì airson Drochaid Scalpaigh a thoirt gu bith.
Bhàsaich e Là na Sàbaid aig aois 68.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh