£3M do Choimhearsnachd Eileanach

Crann-gaoithe
Image caption Dh'innis GDF Suez gun robh iad a' tarraing a-mach à pròiseact Tuath Gaoithe na Beinne Mòire san Damhair an-uiridh.

Tha luchd-leasachaidh a tharraing a-mach à Tuath Gaoithe na Beinne Mòire air na Lochan ann an Leòdhas, air faisg air £2M a bharrachd a ghealltainn dhan choimhearsnachd.

Bha a' chompanaidh ENGIE, neo GDF Suez mar a b' àbhaist a bhith orra, airson 39 crann-gaoithe a chur an-àirde air oighreachd Èisgin.

Chuir iad stad air na planaichean an-uiridh ge-tà, 's iad ag ràdh gur e a' mhì-chinnt mu cuin a bhiodh càbal-dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr a bu choireach.

Thèid faisg air £3M a-nis a phàigheadh do dh'Urras Mhuaitheabhail - a' bhuidheann choimhearnsachd a bha gu bhith a' sgaoileadh an airgid a gheibheadh a' choimhearsnachd bhon leasachadh.

Bidh an t-airgead air a roinn eadar iad agus Urras Leasachaidh nan Eilean Siar.

Ach tha Cathraiche Urras Mhuaitheabhail, Iain MacÌomhair, ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tèid leasachadh na Beinne Mòire air adhart fhathast.

"A bharrachd air an t-airgead a fhuair sinn, tha sinn cuideachd air a thighinn gu aonta leis an uachdaran, agus ma thèid pròiseact ùr a chur air chois, agus tha sinn an dòchas gun tèid, thig ionmhas gach bliadhna a-steach dhan choimhearsnachd, a thuilleadh air na tha air a thighinn chun urrais an-dràsta," thuirt Mgr MacÌomhair.

Dòchas

Thuirt Mgr MacÌomhair cuideachd gu bheil iadsan a' tuigse gu bheil cùisean a' coimhead tòrr nas dòchasaiche a thaobh companaidh eile a bhith a' nochdadh ùidh sna còirichean tuath gaoithe a chuir an-àirde.

"Tha sinn cuideachd a' cur tòrr chuideam air dè a thachras a thaobh an riaghaltais.

"Tha e deatamach gum bi càbal ann agus gu ruige seo tha am fiosrachadh a tha sinn a' faighinn air ais a' toirt dòchais dhuinn gum bi sin ann.

"Mur a tachair an càbal cha thachair a' phroiseact, ach air an làimh eile mur a tachair a' phròiseact cha thachair an càbal.

"Tha an aon rud an urra ris an rud eile," thuirt Mgr MacÌomhair.

Dh'innis Scottish Hydro Electric Transmission (SHE-T) dha Comhairle nan Eilean Siar sa Ghiblean gun robh iad ag obair a dh'ionnsaigh phlana càbal a chuir an sàs ro dheireadh 2020.