Tubaist motair-baidhsagal sna Hearadh

Tha fear a bha ann an tubaist rathaid leis a' mhotair-baidhsagal aige sna h-Eileanan an Iar aig deireadh na seachdain a-nis a' faighinn leigheis ann an Glaschu.

Dh'fhàg Harley Davidson an duine an rathad faisg air an Tairbeart sna Hearadh Disathairne.

Thugar an duine gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh agus e air a ghoirteachadh gu dona, ach chaidh a thoirt an uairsin gu Ospadal Cheann a Deas Ghlaschu.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil am fireannach ìosal, ach nach deach e càil na bu mhiosa.

Chaidh boireannach, a bha air a' mhotair-baighsagal còmhla ris an duine, a leòn ach cha deach a goirteachadh gu dona.