Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile nan Socharain

Chaidh àrd-bhuill sa Phàrtaidh Làbarach as àicheadh chasaidean gu bheil iad an t-àite mar na dùbhlanaich oifigeal a' lagachadh, an dèidh eas-aonta taobh a-staigh a' phàrtaidh mu bhòt air bile ùr nan sochairean sòisealta. Bhòt dà fhichead sa h-ochd ball na aghaidh a dh'aindheoin 's gun deach iarraidh orra gun a bhith a' bhòtadh idir le ceannard eadar-amail a' phàrtaidh Harriet Harman. Chaidh na gearraidhean anns a bheil luach dusan billean not tron a' phàrlamaid an-raoir gun cus thrioblaid.

Targaidean

Chaidh aig roinnean tubaist is èiginn ann an Alba air targaidean an Riaghaltais a thaobh amannan feitheamh a choileanadh son a' chiad turas bhon a' gheamhradh sa chaidh. Tha na h-àireamhan as ùra a' sealltainn gun deach cobhair a thoirt do cheithir fichead sa còig deug as a' cheud de dh'euslaintich air taobh a-staigh ceithir uairean a thìde aig Roinnean na h-Alba air an deireadh sheachdainn timcheall air an dàrna latha deug dhan Iuchair.

EVEL

Tha fear a bha na cheannard air an t-seirbheis chatharra a' feuchainn ri dàil a chuir air planaichean gus na cumhachdan-bhòtaidh aig buill Albannach aig Westminster a chuingealachadh. Tha am Morair Butler ag iarraidh air morairean an taic a chuir ri molaidhean gus co-chomataidh a' stèidheachadh le buill nan comantan a choimheadas air na planaichean airson bhòtaichean Sasannach do laghan Sasannach. Cha bhiodh an aithisg aig co-chomataidh sam bith deiseil chun a' Mhàirt an ath-bhliadhn'. Bi morairean a' deasbad nam planaichean aig a' Mhorair Butler ann an Taigh nam Morairean feasgar.

Obair-thogail

Dh'fhoillsich companaidh-togail air a' Ghàidhealtachd planaichean gus trì fichead flat ùr a thogail ri taobh na h-aibhne ann an Inbhir Nis. Tha an làrach air Sràid Ghlebe ann am meadhan a' bhaile air a bhith na laighe bàn airson còrr air còig bliadhn' deug. Tha Tulloch Homes airson na flataichean a thogail air seann làraich an amar-snàimh. Bha planaichean ann roimhe gus taigh-osta a thogail ann an sin, ged nach deach iad air adhart seach nach robh duine ann airson a ruith.

Airgead ga ghealltainn

Chaidh cha mhòr dà mhillean not a bharrachd a ghealltainn bho chompanaidh leasachaidh a tharraing a-mach à Tuath-gaoithe na Beinne Mòire ann an sgìre nan Loch ann an Leòdhas. Tharraing ENGIE, neo GDF Suez mar a bh'orra roimhe, a-mach à plana gus naoi crann-gaoithe deug thar fhichead a thogail air oighreachd Èisignn. Thèid an t-airgead a-nise a roinn eadar iad fhèin agus Urras Leasachaidh nan Eilean Siar.